"Sàr Ghàidhlig labhairteach" gu bhith air a clàradh 'son leasachadh AI a' chànain

Èirisgeigh air là brèagha soilleir. Tha taigh deal is bathach ann is a' mhuir ghorm is cladach sìos air an taobh
  • Air fhoillseachadh

Chaidh £600,000 a thoirt do phròiseact didseatach airson a' Ghàidhlig labhairteach a chlàradh, a thar-sgrìobhadh agus eadar-theangachadh.

Tha AITEAL a' faighinn na taice bho phrògram ùr-ghnathachaidh CivTech, airson cuideachadh le leasachadh teicneòlas AI don chànan.

Thèid ceithir cosnaidhean a chruthachadh sa chiad ìre den phròiseact, a' toirt a-steach trì chosnaidhean do dhaoine a thèid am measg dhaoine ann an coimhearsnachdan sna h-Eileanan Siar agus san Eilean Sgitheanach.

Bidh iad sin fo mhanaidsear pròiseict, agus an t-amas aca suas ri 500 uair de thìde de shàr-Ghàidhlig labhairteach a chlàradh thairis air 18 mìosan.

Thèid an dàta sin a chleachdadh airson piseach a thoirt air teicneòlasan a th' ann mar thà, leithid bathar-bog cainnt-gu-teacsa, no teicneòlasan ùra a leasachadh leithid innealan còmhraidh AI sa Ghàidhlig.

Tha dùil gun gabh a leithid cleachdadh airson stuthan teagaisg is eile ullachadh sa Ghàidhlig, a thuilleadh air seirbheisean tar-sgrìobhaidh agus fo-thiotalan.

'S iad Fèisean nan Gàidheal a th' air cùlaibh AITEAL, an co-bhann leis a' bhuidhinn charthannais Community Enterprise agus Northcode Digital.

Seada beaga orainds ri taobh an rathaid ann am Mànais. Tha dà shoidhne Passing Place ann faisg air làimh.

"Tha cion dàta air a' Ghàidhlig na dhùbhlan nach beag a thaobh a bhith a' leasachadh theicneòlasan do luchd-labhairt a' chànain," thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, a' Chultair agus na Gàidhlig, Màiri NicAilein.

"Tha AITEAL ag amas air dèiligeadh ris an trioblaid sin, airson dèanamh cinnteach gun soirbhich le cànan agus cultar na Gàidhlig.

"Beairtichidh am pròiseact iongantach seo coimhearsnachdan, glèidhidh e dualchas cultarail agus fuasglaidh e cothroman eaconomach, le buannachdan leantainneach do luchd-labhairt na Gàidhlig."

Thuirt Ms NicAilein gu bheil cothrom aig AITEAL buaidh a thoirt gu h-eadar-nàiseanta, 's gun seall e do chànanan eile mar a ghabhas gnothach ri AI agus cur às do "neo-ionnanachd dhidseataich".

Tha Fèisean nan Gàidheal an dòchas gum bi a' Ghàidhlig a thèid a chlàradh a' taisbeanadh beartas a' chànain.

"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair gu dìreach le luchd-labhairt na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan aca, a' clàradh a' chànain mar a tha e ga bruidhinn gu nàdarra agus a' glacadh beartas a cuid dhual-chainntean agus ghnàthasan-cainnte," thuirt Àrd-Oifigeach na buidhne, Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.

"Tha cothroman iongantach an cois AITEAL a' Ghàidhlig a dhèanamh nas ruigsinniche agus airson a cleachdadh a leasachadh thairis air grunn raointean de bheatha na coimharsnachd, eadar foghlam agus cùram slàinte, seirbheisean poblach, àitichean-obrach agus còmhraidhean làitheil sna coimhearsnachdan againn."