Urras Thiriodh ag iarraidh seirbheis bathair don eilean

Scairinis, Tiriodh air là breàgha. Tùs an deilbh, Getty
  • Air fhoillseachadh

Tha Urras Thiriodh ag ràdh gum feum an t-eilean seirbheis aiseig bathair dhaibh pèin.

Tha iad air seo a thogail an dèidh don urras coimhearsnachd, a tha a' ruith an aona stèisean connaidh san eilean, innse gu robh iad cha mhòr a' ruith a-mach à peatral an t-seachdain seo chaidh.

Thachair seo an dèidh do ChalMac an soitheach àbhaisteach aca, an MV Clansman, a chur air slighe eile agus bàt'-aiseig nas lugha a chur air an t-seirbheis.

Chleachd CalMac an soitheach an Lochnevis Dimàirt airson tancair connaidh le 17,000 liotair de pheatral fhaighinn a Thiriodh.

Tha gu leòr connaidh an sin airson 3 no 4 seachdainnean.

Thuirt Urras Thiriodh gu bheil an suidheachadh leis an t-soitheach a th' aca an-dràsta an MV Isle of Mull a' sealltainn cho cugallach 's a tha cùisean.

Chaidh casg a chur air daoine san eilean an t-seachdain seo chaidh bho bhith ceannach barrachd na £25 de chonnadh, le cho gann 's a bha e a fàs.

Tha riaghailtean mu choinneamh a bhith a' giùlain bathair cunnartach leithid connadh agus an àireamh de luchd-siubhail eile a th' air bòrd aiseag ma tha deic dùinte air an t-soitheach.

Moladh an urrais

'S e Phyl Meyer àrd-oifigear an urrais.

Thuirt esan gur e deagh mholadh a bhiodh ann seirbheis bathair fa leth a bhith aca a bheireadh uallach far na seirbheis àbhaistich a tha gu math tric loma làn tron t-samhradh gu h-àraidh.

"An-dràsta 's e puing deasbaid a th' ann agus tha sinn air pàirt a ghabhail ann an co-chomhairleachadh le Còmhdhail Alba mu na tha an dàn don t-seirbheis san àm ri teachd," thuirt Mgr Meyer.

"Seo aon de na molaidhean a bh' againn (soitheach bathair fa leth) agus chan eil sinn cinnteach an deach adhartachadh mar mholadh fhathast ach 's e rud a th' ann mun cùm sinn a' conaltradh le luchd-poileasaidh mu dheidhinn," thuirt e.

Thuirt CalMac gun robh ùpraid air na seirbheisean aca thar an ùine mu dheireadh nach fhacas a-riamh roimhe le suas ri 10 soithichean dheth aig an aon am.

Thuirt iad gun robh iad air obrachadh gu dlùth le coimhearsnachd Thiriodh airson a bhith cinnteach gun deadh peatral a lìbhrigeadh ann Dimàirt.

Thuirt iad gun robh Riaghaltas na h-Alba agus CalMac a' cumail orra le bhith ag obair còmhla airson fuasglaidhean a lorg do na duilgheadasan a th' aig an lìonra aiseagan an-dràsta.

Thuirt iad cuideachd gu bheil e na phrìomhachas dhaibh dèanamh cinnteach gun tèid seirbheisean a thilleadh don àbhaist cho luath 's a ghabhas.

Tha an Clansman fhathast a' dol eadar An Tairbeart, Loch nam Madadh agus Ùige agus trioblaidean eile air a bhith ann leis an Hebrides an dèidh don bhàta a bhith a' faighinn obair-chàraidh bhliadhnail anns an doc.