Brùra ceum nas fhaisge air an SPFL

- Air fhoillseachadh
Tha Brora Rangers dìreach dà gheama air falbh bho àite san SPFL às dèidh dha tighinn am bàrr nach bi aca ach aon chuairt de gheamaichean play-off a chluich.
Fo na riaghailtean a th' ann, bidh na sgiobaidhean a bhuannaicheas Lìog na Gàidhealtachd is Lìog na Galldachd a' cluich an aghaidh a chèile an toiseach, is an sgioba a nì a' chùis a' dol an aghaidh na sgioba a bhios aig bonn Lìog 2 san SPFL.
Ged a bhuannaich Linlithgow Rose Lìog na Galldachd Disathairne, tha e air tighinn am follais bhon uairsin nach eil iad air na ceumannan uile a choileanadh gus Cead Umha fhaighinn.
Dh'fheumadh iad Cead Umha airson a dhol suas dhan SPFL.
Ann am brath madainn Diluain, thuirt an SFA gun robh sia rudan nach robh Linlithgow Rose air coileanadh is ged a dh'iarr an cluba ùine a bharrachd, nach biodh seo cothromach do Bhrùra is Edinburgh City.
Tha seo a' ciallachadh nach bi aig Brùra ri cluich an aghaidh Linlithgow Rose idir is gun tèid iad dìreach gu dà gheama an aghaidh Edinburgh City, a tha aig bonn Lìog 2.
Bidh na geamaichean seo ann air an 9mh is 16mh den Chèitean is Brùra aig an taigh sa chiad gheama.