Dùil ri seirbheis MRI aig Ospadal nan Eilean Siar ro dheireadh na Sultaine

Joanne Adlam, Àrd-rèidio-ghrafaiche, ann an ionad-fàilteachaidh aig goireas ùr MRI an Ospadal nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh
Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil am pròiseact airson seirbheis MRI a stèidheachadh aig Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh a' dol mar a bu chòir.
Thuirt an t-ùghdarras slàinte gun do ràinig iad clach-mhìle chudromach agus tòrr den obair togail air a chrìochnachadh.
Thug iad taing don chompanaidh-togail Lewis Builders Earranta agus don sgioba dealbhaidh aig Gauldie Wright & Partners airson mar a dh'obraich iad còmhla gus am pròiseact a thoirt air adhart.
'S e an ath ìre den obair an sganair MRI a chur ann agus tha dùil ris san Lùnastal.
Thèid deuchainnean a dhèanamh air an uidheamachd, agus tha dùil gun tòisich an t-seirbheis ùr MRI ro dheireadh na Sultaine am-bliadhna.
Adhartas ga dhèanamh le obair togail goireas MRI aig Ospadal nan Eilean
- Air fhoillseachadh5 Am Màrt
Sganair MRI air fàire aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh9 An Giblean 2025
Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gun robh e air a dhòigh le cho "math 's a tha an obair a' dol gus seirbheisean MRI a thoirt do na h-Eileanan an Iar".
Thuirt e: "Tha an t-in-ionmhas seo na cheum cudromach do chùram slàinte nar coimhearsnachdan, a' toirt ìomhaigheachd dhiagnosaich adhartaich nas fhaisge air euslaintich agus a' lùghdachadh na dh'fheumas iad de shiubhal a dhèanamh gu ospadalan air tìr-mòr."
Tha dùil gum bi barrachd iarrtais ann airson ìomhaigheachd MRI san àm ri teachd, gu h-àraid airson dearbhadh aillse nas tràithe.
Stèidhichte air dàta a chruinnich Bòrd na Slàinte ann an 2024, bidh 1,039 turas ga dhèanamh sa bhliadhna le euslaintich gu goireasan air tìr-mòr airson sganaichean MRI.