Sgiath Latharna a' dol do Chòisir Sgìr' a' Bhac

'S e Còisir Sgìr' a' Bhac a bhuannaich Sgiath Latharna
- Air fhoillseachadh
'S e Còisir Sgìr' a' Bhac à Eilean Leòdhais a shoirbhich ann am farpais Sgiath Latharna do chòisirean dùthchail le 376 puingean.
'S e an t-òran a chaidh a chur mun coinneamh Dòmhnall nan Dòmhnall agus 's e an t-òran a thagh iad fhèin Baile M' Àrach.
Bha sia còisirean ag amas air an duais ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu feasgar Diardaoin.
San dàrna àite bha Còisir Bharraigh le 374 puing.
A' crìochnachadh san treas àite bha Còisir Ghàidhlig nan Loch agus chaidh 367 puingean a thoirt dhaibhsan.

Chaidh Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul gu Còisir Ghàidhlig an Eilein Mhuilich
San fharpais eile a bha a' dol aig an aon àm san talla, chaidh Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul gu Còisir Ghàidhlig an Eilein Mhuilich agus na britheamhan a' toirt 370 puingean dhaibh-san.
Bha còig còisirean a-staigh airson na duaise sin.
B' e Sìne Chaluim Bhàin an t-òran ainmichte a bh' aig na còisirean ri ghabhail, agus 's e Màili Dhonn an t-òran a thagh na Muilich.
Bha Bùrach, còisir às a' Mhorbhairne, san dàrna àite le 368 puingean, agus san treas àite bha Còisir Ghàidhlig Thaigh an Uilt le 366 puingean.

Bhuannaich Còisir Ghàidhlig Ìle farpais a' Phuirt à Beul sa mhadainn
Na bu thràithe air an là, chaidh an fharpais Puirt à Beul a chumail, agus 's e Còisir Ghàidhlig Ìle a bhuannaich i le 184 puingean uile gu lèir.
B' e Còisir Ghàidhlig Thaigh an Uilt a bh' anns an dàrna àite le 183 puingean, agus bha Còisir Sgìr' a' Bhac agus Còisir Ghàidhlig Bharraigh co-ionann san treasamh àite le 182 puingean.
B' e Bùrach a rinn a' chùis ann am farpais Còisir Dhùthchail nam Mnathan sa mhadainn le 371 puingean uile gu lèir.
Cha robh ach aon phuing eadar iad agus Còisir Sgìr' a' Bhac san dàrna àite, agus chrìochnaich Còisir Bharraigh agus Còisir Ghàidhlig nan Loch san treasamh le 369 puingean an urra.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An Dàmhair 2025
