Fin Greumach a' dol gu Geamaichean a' Cho-fhlaitheis

- Air fhoillseachadh
Thuirt an rothaiche Gàidhealach Fin Greumach gu bheil e air a dhòigh às dèidh dha a bhith air a thaghadh ann an sgioba na h-Alba 'son Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu.
Tha Fin, 26, a thogadh ann an Srath Pheofhair, air soirbheachadh gu mòr anns na bliadhnaichean mu dheireadh is e air bonn òir fhaighinn aig na Geamaichean Paralimpigeach ann an 2024 ann an rèis rathaid C1-3.
Tha e cuideachd air trì buinn airgid fhaighinn aig na Geamaichean Paralimpigeach, a thuilleadh air sreath de dhuaisean aig Farpaisean Para na Cruinne.
Cha robh Fin aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis gu seo is gu h-iongantach, chan eil e gu seo air Alba a riochdachadh nas motha.
"Cha robh mi an dùil gum faighinn cothrom rèiseadh airson Alba ann an Alba is tha e dìreach sònraichte," thuirt Fin.
"'S e seo an targaid mhòr a bh' agam is tha mi air mo dhòigh gu bheil e a-nise air a dhearbhadh."
Chaidh an rothaiche Neil Fachie a thaghadh cuideachd ann an sgioba na h-Alba.
Tha Fachie, 41, air soirbheachadh 19 tursan ann am Farpaisean Para na Cruinne is air ceithir buinn fhaighinn aig na Geamaichean Paralimpigeach.
Tha Fachie mar-thà air Alba a riochdachadh trì tursan roimhe aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis is e air còig buinn òir is bonn airgid a bhuannachadh.
Tha sin a' fàgail gur e an dàrna lùth-chleasaiche as soirbheachaile a-riamh aig Alba aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis.
Thuirt Fachie gun robh e a' smaointinn gur dòcha gun robh na làithean aige aig àrd-ìre seachad, ach nach b'urrainn dha cothrom eile air Geamaichean a' Cho-fhlaitheis a dhiùltadh.
Bidh na geamaichean ann eadar an 23mh den Iuchar agus an 2na den Lùnastal.