Comhairliche eile air comataidh fhàgail is buaireadh mu chead tagsaidh èigniche a' leantainn

An Comhairliche Donnchadh Mac a' Phearsain
- Air fhoillseachadh
Tha comhairliche eile air comataidh ceadachais Comhairle na Gàidhealtachd fhàgail agus buaireadh a' leantainn às dèidh dhan chomataidh leigeil le draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire a chead tagsaidh a ruith a chumail.
Chaidh binn prìosain sia bliadhna agus naoi mìosan a chur air Daibhidh Brown, 50 agus à Crothaidh, sa Chèitean an dèidh dha ionnsaigh a thoirt air nighean, 18, san Dùbhlachd 2023.
Ag innse gun robh e a' fàgail na comataidh, thuirt comhairliche Inbhir Nis a Deas, Donnchadh Mac a' Phearsain, nach cuireadh esan sàbhailteachd bhoireannach ann an cunnart le fios gur e sin a bha e a' dèanamh agus nach eil e a' smaoineachadh gun do rinn e sin sa chùis seo.
Ach thuirt e cuideachd gum feum e beachdachadh air a' chàineadh a tha ga dhèanamh air co-dhùnadh na comataidh.
Tha seo a' tighinn beagan làithean an dèidh do chomhairliche a' Chaoil agus Mhalaig, John Grafton, innse gun robh esan a' seasamh sìos.
Tha aithrisean ann cuideachd gu bheil Sean Ceannadach air seasamh sìos mar chathraiche na comataidh is gu bheil Willie MacAoidh air seasamh sìos mar chomhairliche.
Tha am BBC air soillearachadh iarraidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd.
Comhairliche air comataidh fhàgail is buaireadh mu chead draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire a' leantainn
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Fearg nach do chaill draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire cead tagsaidh a ruith
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
Cumaidh draibhear tagsaidh a dh' èignich deugaire air Ghàidhealtachd a chead tagsaidh a ruith
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
Air a' mhìos a chaidh, bhòt Comataidh Ceadachais Comhairle na Gàidhealtachd gu prìobhaideach leigeil le Brown an cead a th' aige airson tagsaidh a ruith a chumail.
Sin an dèidh do bhall dha theaghlach nochdadh air beulaibh na comataidh le iarrtas nach dèidheadh cead a thoirt bhuaithe.
Bha Poileas Alba air cur na aghaidh.
Tha buidhneann chathrannais èigneachaidh air co-dhùnadh na comataidh a chàineadh.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid beachdachadh air a' ghnothach às ùr aig làn choinneamh den chomhairle.
A rèir Seirbheis Èigneachaidh agus Droch-dhìol Feiseil na Gàidhealtachd (RASASH) tha an co-dhùnadh gun cead a thoirt bho Brown a' toirt "teachdaireachd mhillteach" do bhoireannaich.

An Comhairliche John Grafton
Ann am brath Dihaoine, thuirt Mgr Grafton gun do bhòt e leigeil le Brown a chead a chumail airson a theaghlach a dhìon.
Ach thuirt e le barrachd tuigse, agus fiosrachadh nach robh ri fhaotainn air an là, gum b' urrainnear a bhith air co-dhùnadh eile a ruighinn.
A rèir Mhgr Grafton, dh' fhaighnich e do dh'oifigearan am biodh buaidh sam bith ann a thaobh an lagh mu thimcheall cead Brown.
Thuirt e cuideachd gun do dh'innis e dha fhèin nach eil Brown na chunnart do dhaoine eile aig an àm seo agus gun teirgeadh an cead mus tèid a shaoradh.
"Chaidh innse dhuinn grunn thursan nach eil sinne mar chomataidh an seo airson daoine a pheanasachadh. Tha sin an urra ris na cùirtean."
Cha robh e furasta do Ghrafton a' chomataidh fhàgail thuirt e, is e ag ràdh cuideachd gun robh e air a bhith le dìth caidil a' smaoineachadh mu dheidhinn.
Tha cead tagsaidh a ruith a' gabhail a-steach carbad agus a' leigeil leis a' charbad sin a bhith air a dhraibheadh le cuideigin aig a bheil cead tagsaidh a dhraibheadh.
Chaidh cead draibhidh tagsaidh Brown a stad rè ùine san Fhaoilleach 2024.

Daibhidh Brown
An t-seachdain a chaidh, thuirt Àrd-oifigear RASASH, Romy Rehfeld ris a' BhBC, gun toireadh co-dhùnadh na comataidh buaidh air daoine a th' air droch-dhìol fheiseil fhulang.
"Tha boireannaich agus clann-nighean air a' Ghàidhealtachd airidh air faighinn a-mach carson nach deach èisteachd ri Poileas Alba," thuirt i.
Thàinig càineadh bho thè de bhuill na Gàidhealtachd aig Holyrood, Maree Todd, cuideachd.
Thug Brown còmhdhail don bhoireannach, 18, an dèidh dhi a bhith air oidhche a-muigh an Inbhir Nis agus i airson a dhol air ais dhachaigh.
Chaidh e seachad air a dachaigh agus stad e aig oir an rathaid eadar Srath Pheofhair agus Inbhir Pheofharain far an tug e ionnsaigh fheiseil oirre.
Dh'fhàg e an uairsin a-muigh ann an Inbhir Pheofharain i san fhuachd fo ìre-reòthaidh.
Chaidh Brown às àicheadh na casaid gun dh'èignich e i ach chaidh fhaighinn ciontach sa Ghiblean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 An Cèitean
