Dòchas gun tig bòrd NàdarAlba a Nis a mhìneachadh carson nach do cheadaich iad sealg a' ghuga

Tha daoine an aghaidh na seilge ag ràdh gur e "bàs borb" a gheibh na gugannan
- Air fhoillseachadh
Tha sealgairean a' ghuga ann an Nis ag ràdh gur e "briseadh-dùil" a th' ann gun deach cead a dhiùltadh dhaibh am-bliadhna, ach gu bheil iad an dòchas gun tig riochdairean NàdarAlba chun na sgìre a bhruidhinn riutha.
Bha tòrr aca cruinn còmhla Diluain ag èisteachd air-loidhne ri coinneamh de bhòrd NàdarAlba a dh'aontaich gun turas fir Nis a Shùlasgeir a cheadachadh mar a bha oifigearan na buidhne riaghaltais a' moladh.
Tha connspaid nach beag air a bhith ann mun chleachdadh thraidiseanta sna beagan mhìosan a dh'fhalbh le deasbad guineach air-loidhne agus togail-fianas aig prìomh-oifis NàdarAlba.
Cead ga dhiùltadh do shealg a' ghuga am-bliadhna
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 uairean
Dùil ri co-dhùnadh air sealg a' ghuga, agus ceist mu phròiseas co-dhùnaidh
- Air fhoillseachadhBho chionn 12 uair
Tha buidhnean dìon bheathaichean a' cur fàilte air a' cho-dhùnadh, ach tha luchd-taice na seilge a' cur às an leth gun robh iad "a' maoidheadh" air coimhearsnachd bheag eileanach.
Thuirt Dods MacPhàrlainn, a th' air a bhith a-muigh an Sùlasgeir iomadach turas, gun robh e "tòrr na b' fhasa an cead a chumail bhuainne na a thoirt dhuinn".
Tha e den bheachd:"Mura b' e na thachair am-bliadhna le na daoine a bha a' togail fianais bhiodh sinn an dèidh cead fhaighinn."
Ge-tà, chaidh cathraiche bòrd NàdarAlba, An t-Ollamh Cailean Mac a' Bhreatannaich, às àicheadh gun do "ghèill iad ri duine".
"Rinn sinn measadh neo-eisimileach agus cothromach air an eag-eòlas agus air na cuspairean a th' ann, agus cha do ghèill sin ri luchd-iomairt," thuirt e.

Tha an t-Ollamh Cailean Mac a' Bhreatannaich ag ràdh gur ann stèidhichte air an dàta as ùire a bha an co-dhùnadh aca agus chan ann air sgàth luchd-togail fianais
Thuirt NàdarAlba gun do "chleachd sinn an dàta as ùire a th' ann agus dh'iarr sinn modail ùr feuch dè a' bhuaidh a bhiodh air na tha de shùlairean".
Tha muinntir Nis an dòchas a-nis gun tig buill a' bhùird a Nis airson an saidheans air cùl a' cho-dhùnaidh aca a mhìneachadh dhaibh.
Thuirt Murchadh MacRisnidh bhon bhuidhinn Save Our Guga Harvest: "Feumaidh tuigse nas fheàrr a bhith againn airson rud sam bith a nì sinn ann an 2027.
"Bhon t-sealladh againne, tha e reusanta ma 's ann stèidhichte air saidheans a tha an còmhradh agus ma thèid togail-fianais a dhèanamh taobh a-staigh an lagh."

Tha Murchadh MacRisnidh ag ràdh gum feum iad tuigse nas fheàrr a bhith aca air an t-saidheans nuair a thig e gu bhith a' deasachadh tagraidh an ath-bhliadhna
Chàin Mgr MacRisnidh ro-innleachd agus cainnt cuid den luchd-iomairt "a rinn dìmeas air muinntir Nis agus luchd-obrach NàdarAlba".
Mar an ceudna, leig an t-Ollamh Mac a' Bhreatannaich fhaicinn cho diombach agus a bha esan mu dhol a-mach cuid den luchd-strì.
"Tha cuid den iomairt air a bhith laghail ach tha cuid dheth air a dhol nan gnìomhan eucoireach.
"Cha bu chòir gabhail ris an sin," thuirt e.

Thàinig daoine cruinn ann an Nis airson èisteachd ri buill bhòrd NàdarAlba a' cnuasachadh air pàipear nan oifigearan a bha a' moladh cead a dhiùltadh
Thuirt BPA nan Eilean Siar, Dòmhnall MacFhionghain, ag ràdh gur e "briseadh-dùil" a th' anns a' cho-dhùnadh ach gu bheil "an doras fosgailte fhathast".
Thuirt e: "'S e a rud as cudromaiche a-nis gum bruidhinn NàdarAlba le fir Nis mus dèan iad tagradh airson cead an ath-bhliadhna."
Dh'iarr ball nan Eilean Siar ann an Westminster, Torcuil Crichton, gun tèid ath-sgrùdadh air a' mhodail a chleachd iad feuch dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an t-seilg air àireamh nan sùlairean.
"Chanainnsa gu bheil barrachd eòlais nàdarra seo am measg sgioba a' ghuga na tha ann am bòrd sam bith agus luchd-eòlaich fad às," thuirt e.
Tha Mgr Crichton cuideachd air iarrtas saorsa fiosrachaidh a chur a-steach feuch ciamar a thàinig oifigearan NàdarAlba dhan cho-dhùnadh sin gum moladh iad cead a dhiùltadh.

Tha Devon Docherty bho Protect the Wild gur e e co-dhùnadh "ciallach agus coibhneil" a bh' ann
Thuirt Devon Docherty, manaidsear iomairtean Protect the Wild ann an Alba gur e "buaidh a bh' ann do dh'iochd, saidheans agus ciall" gun cead a thoirt seachad.
Thuirt i: "Chan fhaigh a-nis na mìltean de dh'eòin-mhara òga bàs borb leis gun do roghnaich NàdarAlba an saidheans a leantainn seach dìreach a bhith a' cur stampa rubair ri cead marbhaidh uair eile."
Thuirt Ionad Eòin-mhara na h-Alba gur e an "co-dhùnadh ceart".
Thuirt Emily Burton, am manaidsear glèidhteachais: "Thàinig lùghdachadh mòr air na tha de shùlairean agus tha tòrr thuineachasan nach d' fhuair seachad air buaidh flù nan eun."
Tha còrr is 106,000 duine air an ainm a chur ri ath-chuinge, taobh a-muigh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba casg buileach a chur air an t-sealg.
Tha an t-sealg ceadaichte fo Earrann 16 de dh'Achd na Fiadh-bheatha 's na Tuaithe a leigeas leotha iseanan sùlaire a spadadh airson biadh.