Duaisean Litreachais 2026: 'Barrachd leabhraichean cloinne na riamh roimhe'

Thuirt Alison Young gun robh na "britheamhan air am brosnachadh" leis nach chaidh a chur a-steach de thagraidhean do chloinn is daoine òga
- Air fhoillseachadh
Dh'ainmich Comhairle nan Leabhraichean cò na leabhraichean air geàrr-liostaichean nan Duaisean Litreachais 2026.
Tha seachd roinnean ann do leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar toiseach a' Chèitein 2025 agus an 20mh là den Ghiblean am-bliadhna, agus sgrìobhaidhean nach eil fhathast ann an clò.
Tha iad air dà fharpais, seach dìreach aonan, a dhèanamh airson na chaidh a sgrìobhadh do chloinn agus òigridh "às dèidh bliadhna san deach barrachd leabhraichean cloinne fhoillseachadh na bha riamh againn roimhe".
Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean: "Bha na britheamhan air am brosnachadh gu mòr leis an uiread de leabhraichean cloinne a chaidh a sgrìobhadh sa Ghàidhlig bho thùs, agus leis an fharsaingeachd de chuspairean a chunnaic sinn thairis air na roinnean air fad am-bliadhna."
Mar sin dheth, bidh duaisean fa leth airson leabhraichean do phàistean suas gu aois seachd, agus tè do chloinn nas sine.
"Tha barrachd is barrachd leabhraichean ùra a' tighinn troimhe"
- Air fhoillseachadh3 Am Màrt
"Tha mi air mo dhòigh!" - Duaisean Litreachais na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2025
Thuirt Alan Bett, Ceannard Litreachais is Foillseachaidh aig Alba Chruthachail: "Tha na Duaisean Litreachais a' comharrachadh beairteas agus farsaingeachd sgrìobhaidh ann an Gàidhlig.
"Tha e gu sònraichte cudromach aithne a thoirt do dh'fhoillseachadh airson cloinne agus daoine òga, mar a thathas a' dèanamh an seo leis an dà dhuais airson leabhraichean cloinne."
Gheibhear na geàrr-liostaichean air fad an seo. , taobh a-muigh
Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh aig cuirm shònraichte Dimàirt 15mh den t-Sultain aig Taigh-cluiche Cottiers ann an Glaschu.