Dùil ri co-dhùnadh air am bi cead aig sealg a' ghuga am-bliadhna

Tha fir à Nis air a bhith a' dol a-mach a Shùlasgeir, mu 40 mìle iar-thuath air Leòdhas, a h-uile samhradh bhon 15mh Linn
- Air fhoillseachadh
Nì bòrd NàdarAlba co-dhùnadh feasgar an-diugh air an tèid sealg a' ghuga ann an Sùlasgeir air adhart am-bliadhna.
Tha oifigearan na buidhne riaghaltais a' moladh dhaibh gun cead a thoirt do chleachdadh thraidiseanta aig fir à Nis a tha a' dol air ais 500 bliadhna.
Tha an t-sealg ceadaichte fo Earrann 16 de dh'Achd na Fiadh-bheatha 's na Tuaithe a leigeas leotha iseanan sùlaire a spadadh airson biadh.
Tha connspaid mhòr air an t-sealg a chuairteachadh sna beagan mhìosan a dh'fhalbh le deasbad sradagach air-loidhne.

Thog luchd-iomairt an aghaidh sealg a' ghuga fianais taobh a-muigh prìomh-oifis NàdarAlba aig toiseach an Iuchair
Tha luchd-iomairt an aghaidh na seilge air an dòigh leis a' mholadh, ach tha an iomairt Save Our Guga Harvest ag ràdh gur e briseadh-dùil a th' ann dhaibh.
"Gu follaiseach, dh'iarramaid còmhradh làidir a bhith againn le NàdarAlba," thuirt am fear-labhairt, Murchadh MacRisnidh
Tha ceist air na sealgairean carson a chaidh cead a thoirt an-uiridh 's gu bheileas a-niste a' moladh gun cead a thoirt seachad am-bliadhna.
Tha NàdarAlba ag ràdh gu bheil iad a' cleachdadh modail ùir airson na h-eòin a chunntadh am-bliadhna.
Thuirt Mgr MacRisnidh: "Tha sinne ag iarraidh a bhith ag obair le NàdarAlba airson bhliadhnaichean ri teachd cuideachd, 's mar sin feumaidh sinn faighinn seachad air a' bhoile a tha seo 's faighinn air ais dhan t-saidheans 's na rudan a tha gu diofar an seo."
'Fir Nis' ag iarraidh coinneimh le NàdarAlba
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
Moladh cead a dhiùltadh do shealg a' ghuga
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
Tha luchd iomairt ag ràdh ge-tà gu bheil argamaidean saidheansail airson dìon a thoirt air sùlairean Shùlasgeir, a bharrachd air gu bheil iad airson casg a chur air gnothach a tha "borb", tha iad ag ràdh.
Tha Rob Pownall, a stèidhich a' chompanaidh Protect the Wild, ag ràdh gun lean an t-strì an t-sealg a chasg buileach.
Thuirt e: "Tuigidh sinn gur dòcha gur e cleachdadh a dh'fheumadh a bhith aca nuair a bha iad feumach air biadh.
"Ge-tà, chan eil e a' dèanamh ciall ann an 2026 cead a thoirt gus gnè a th' air a dìon a mharbhadh gun adhbhar."
Bidh an dusan ball air bòrd NàdarAlba a' deasbad argamaidean ann am pàipear sa bheil dà roghainn eile , taobh a-muigh - gun ceadaich iad sealg 2,000 air neo 500 eun.
Thuirt a' bhuidheann: "Tha sinn a' tuigsinn gu bheil daoine a' faireachdainn gu math làidir mu shealg a' ghuga, agus gum bi cuid na h-aghaidh.
"'S e an obair againn co-dhùnaidhean ceadachd a dhèanamh stèidhichte air an fhianais shaidheansail as ùire agus taobh a-staigh an reachdais a tha a' buntainn ris."
Tha Comhairle nan Eilean Siar agus BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, air an taic a nochdadh dhan t-seilg.
Tha comataidh nan athchuingean aig Holyrood a' beachdachdh air am bu chòir deasbad a bhith ann sa Phàrlamaid mu athchuinge a tha ag iarraidh casg buileach a chur air an t-seilg agus air a bheil còrr is 100,000 ainm.