Naidheachdan 11:00m

NHS Sgìre Roinn a' Mhonaidh

Tha dùil gun innis Rùnaire na Slàinte, Angela Constance, do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh cò bhios os cionn ath-sgrùdaidh neo-eisimeilich mu shàbhailteachd euslainteach aig NHS Roinn a' Mhonaidh. Agus tha dùil gun innis Ms Constance dè farsaingeachd agus clàr-ama an rannsachaidh air aithrisean gun robh 19 bàs nach leigeadh a leas ann an obair-lannsa aig Infiormaraidh Rìoghail Obar Dheathain.

Nvidia

Thuirt an Ceann-suidhe Trump nach eil cunnart sam bith ann do thèarainteachd nan Stàitean Aonaichte le Jensen Huang a' tilleadh dha dhreuchd mar àrd-oifigeach air a' chompanaidh AI Nvidia. Dh'fhàg Mr Huang an dreuchd bho chionn cola-deug nuair a dh'aidich e càirdeas le tè a tha fo amharas gun robh i ri obair-brathaidh do Shìona. Tha dragh air àrd-luchd-poileataigs anns na Stàitean Aonaichte mun dòigh san do chuir Mgr Trump cuideam air bòrd-stiùiridh Nvidia Mgr Huang fhastadh a-rithist.

Bochdainn

Thuirt ceannard Comhairle Baile Ghlaschu gu bheil e an comas Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba cuideachadh le bochdainn. Bha Ricky Bell a' freagairt aithisg a thuirt gu bheil bochdainn ann an Glaschu am measg cho dona 's tha am Breatainn le aon teaghlach anns a h-uile 50 san bhaile ann an uimhir de dh'èiginn 's nach urrainn dhaibh biadh gu leòr a cheannach neo iad fhèin a chumail blàth. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e prìomh amas aca cur às do bhochdainn cloinne.

Loidhne-dealain

Thòisich rannsachadh poblach an-diugh mu phlana SSEN airson loidhne dealain eadar an Spideal ann an Gallaibh 's a' Mhanachainn. Chuir Comhairle na Gàidhealtachd an aghaidh a' phlana san t-Sultain ach rinn SSEN ath-thagradh a' ciallachadh gur e Riaghaltas na h-Alba a nì co-dhùnadh air.

Fhuaireadh tè a bha a dhìth

Dh'innis Poileas Alba gun d' fhuair iad sgeul air boireannach a bha a dhìth san Eilean Sgitheanach. Dh'fhàg Linda Urchardan, 54 bliadhna de dh'aois, a dachaigh ann am Port Rìgh sa mhadainn an-dè, agus lean rannsachadh teasairginn air a son fad an là an-dè. Cha tuirt na poilis ach gun d' fhuaireas i on uairsin.

Sgìrean glèidhte aig muir

Tha comhairlichean sna h-Eileanan Siar a' beachdachadh an-diugh air plana ùr Riaghltas na h-Alba airson sgìrean glèidhte aig muir sam biodh casg air iasgach. Bhiodh còrr 's 160 de na sgìrean MPA ann agus tha aithisg bho oifigich na comhairle ag ràdh gum faodadh sin droch bhuaidh a thoirt air a' ghnìomhachas, air cosnaidhean agus air seasamhachd nan eilean.