Nìthear sgrùdadh air drochaid ùr £10m an Inbhir Nis a tha tric briste

Bacadh dearg is geal aig drochaid, le soidhne dearg air a bheil sgrìobhte ann an geal STOP
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tòisich companaidh speisealach obair an ath-sheachdain feuch Drochaid Thòrr Bheathain thairis air a' Chanàl Chailleanach an Inbhir Nis a chàradh.

Tha oifigich an ùghdarrais ionadail ag ràdh gun dèan iad làn-sgrùdadh air siostam-obrachaidh na drochaide.

Chosg i £10m agus dh'fhosgail i ann an 2021 ach tha sreath thrioblaidean air a bhith aice.

Bha i dùinte do charbadan fad cola-deug san Lùnastal, agus airson còig seachdainean na bu thràithe air an t-samhradh-sa air sgàth aoidion ola.

Tha i faisg air seann Drochaid Thom na h-Iubhraich a thogadh ann an 1938.

Bha dùil nuair a chaidh Drochaid Thòrr Bheathain a thogail gum biodh e a' ciallachadh gum biodh tè de na drochaidean an-còmhnaidh fosgailte do chàraichean.

Thuirt an Comhairliche LibDeamach, Ailig Greumach, roimhe gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil an drochaid a tha 88 bliadhna a dh'aois nas earbsaiche na tha an tè ùr.

Thuirt a' chomhairle gu bheil iad air obair a thoirt don chùmhnantair speisealach airson faighinn a-mach dè an trioblaid a th' ann agus dè am fuasgladh a th' ann.

Thuirt iad gun toireadh iad seachad an tuilleadh fiosrachaidh an ath-sheachdain.