Àrd-oifigear ùr Loganair air ainmeachadh

Luke FarajallahTùs an deilbh, Loganair
Fo-thiotal an deilbh,

Tòisichidh Luke Farajallah obair ùr mar Àrd-oifigear Loganair air 4mh den Mhàrt

  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich a' chompanaidh-adhair, Loganair, gur e Luke Farajallah an t-Àrd-oifigear ùr aca.

Tha eòlas mòr aig Mgr Farajallah air gnìomhachas adhair roinneil na Rìoghachd Aonaichte.

Bha dreuchdan aig àrd-ìre aige le Flybe, British Airways, CitiExpress agus Brymon Airways. Bha e cuideachd ag obair do EasyJet agus Wizzair.

Tòisichidh Mgr Farajallah aig Loganair air 4mh den Mhàrt.

Thuirt Peadar Simpson, Cathraiche Loganair: "Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Luke Farajallah mar an Àrd-oifigear ùr againn.

"Tha am miann aige seirbheisean sàr-mhath agus seasmhach a lìbhrigeadh a' tighinn a rèir na ro-innleachd againne piseach a thoirt air na seirbheisean a tha sinn a' tabhainn air ar luchd-cleachdaidh.

Thuirt Luke Farajallah: "Tha e mar dhleasdanas orm gun lean Loganair air seirbheisean a chumail ri daoine ann an cuid de na sgìrean as iomallaiche am Breatainn.

"Tha mi taingeil dhan bhòrd gun do chuir iad earbsa annam airson a' chompanaidh shònraichte seo agus an luchd-obrach dìleas aice a stiùireadh."