Bàideanach is Ceann Loch Seile ag amas air Cupa Valerie Fhriseil

Bàideanach le Cupa Valerie Fhriseil an-uiridh às dèidh a' chùis a dhèanamh air Loch Abar
- Air fhoillseachadh
Thèid an dà sgioba as fheàrr ann an iomain nam ban am-bliadhna an aghaidh a chèile a-rithist Disathairne airson na duaise as motha san spòrs.
Tha Bàideanach ag amas air dìon a chur air Cupa Valerie Fhriseil agus cuideachd an Grand Slam a bhuannachadh is iad mar-tha air a' Phrìomh Lìog agus Cupa ùr na Prìomh Lìge a thogail air an t-seusan seo.
Rinn iad a' chùis air Ceann Loch Seile sa chuairt dheireannaich sin agus sa gheama mhòr lìge an t-seachdain seo chaidh a bhuannaich an lìog dhaibh.
Tha sgioba Loch Aillse air adhartas mòr a dhèanamh am-bliadhna gus a bhith aig ìre far a bheil iad a' farpais airson nan duaisean mòra.
Chan eil iad ach air trì geamaichean a chall fad an t-seusain - ach 's e briseadh-dùil a bhios ann dhaibh gur ann an aghaidh Bhàideanach a bha iad sin uile.
Rinn Bàideanach a' chùis 5-1 san lìog an toiseach, 6-0 ann an cuairt dheireannach Chupa na Prìomh Lìge, is an uairsin 7-3 san lìog a-rithist.
Bha dòchas ann co-dhiù do Cheann Loch Seile gun robh iad gu mòr anns a' gheama sin is iad dìreadh 3-2 air dheireadh aig lethach slighe, mus do ghabh Bàideanach smachd air gnothaichean san dàrna leth.

A rèir Emma Ghòrdain, a tha a' cluich do Cheann Loch Seile, tha iad a' faireachdainn gu bheil a' bheàrn a' dùnadh.
"Chan e seo ach ar dàrna bliadhna sa Phrìomh Lìog is chanainn gu bheil sinn ionnsachadh bho gach geama, ach gu h-àraidh nuair a chluicheas sinn an aghaidh Bhàideanach.
"Tha mi a' smaoineachadh gum bi misneachd cudromach is ged a tha sinn air call anns na geamaichean a chaidh seachad, tha sinn a' fàs nas misneachaile le mar a chluicheas sinn nan aghaidh is bheir sin togail dhuinn."
Thog Emma cuideachd air an t-slighe a ghabh an sgioba anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
"Chan eil e a' faireachdainn cho fada - ceithir bliadhna - bhon a bha sinn a' coimhead cuairt dheireannach Valerie Fhriseil às dèidh dhuinn an Cupa Dùbhlan a bhuannachadh.
"Aig an àm sin bha e a' faireachdainn gun robh an ìre a bha iad a' cluich fada bhuainn, ach le a bhith ann a-nise is a' cluich, tha e a' faireachdainn dìreach mìorbhaileach is gum faic sinn an obair a tha sinn is na còidisichean a' dèanamh a' tighinn gu buil.
"Tha a' choimhearsnachd air ar cùlaibh is ge bith dè thachras Disathairne fàgaidh sinn a' phàirc làn moit gu bheil sinn air an ìre seo a ruighinn."

Tha seusan fìor mhath air a bhith aig Bàideanach a-rithist.
Cha do chaill iad aon gheama gu seo - an aghaidh nan seann nàimhdean aca Loch Abar san lìog sa Chèitean - is iad air leum air ais air thoiseach air na h-Abraich san fharsaingeachd (agus air na Sgitheanaich a chumail aig astar).
Leis an lìog air ais nan làmhan agus an cupa ùr sa phreas mar-tha, chan eil a dhìth a-nise ach Cupa Valerie Fhriseil gus crìoch a chur air sàr sheusan.
"Bhuannaich sinn dà thuras an aghaidh Cheann Loch Seile sa mhìos mu dheireadh is tha mi an dòchas gun toir sin misneachd dhuinn," thuirt sgiobair Bhàideanach, Rachael Borthwick.
"Tha iad cruaidh is làidir ge-tà, is mar sin bidh e doirbh. Tha cluicheadairean aca le eòlas mar Lorna NicRath is Rhianna Kirk, is an uairsin Maura NicCoinnich - tha na sgilean iomain aice 'son cluicheadair aig aois 14 dìreach sònraichte."
Tha Rachel ag ràdh gu bheil daonnan cuideam air sgiobaidhean iomain ann am Bàideanach a bhith a' buannachadh ach gu bheil sin a' còrdadh rithe.
"Tha sinn an-còmhnaidh airson barrachd a bhuannachadh is tha sinn airson barrachd chluicheadairean òga a thoirt a-steach.
"Tha thu a' faicinn An Eilein Sgitheanaich is Cheann Loch Seile is tha iad air tòrr chluicheadairean òga a thoirt a-steach is tha iad gus a bhith làidir anns na bliadhnaichean ri thighinn - feumaidh sinn an aon rud a dhèanamh.
"Ach tha e cho math a bhith mar phàirt de sgioba a tha an-còmhnaidh a' feuchainn ri adhartas a dhèanamh."
Rinn Rachel moladh cuideachd air Iain 'Corky' Borthwick, a bha cho soirbheachail mar mhanaidsear air sgioba nam fear aig Ceann a' Ghiùthsaich, is a tha air a bhith aig stiùir Bhàideanach am-bliadhna.
Tòisichidh an geama mòr aig An Eilean ann am Baile Ùr an t-Slèibh Disathairne aig 4:10f.
Chithear gach buille beò cuideachd air BBC ALBA is am prògram a' tòiseachadh aig 4f.

Tha Dùn Ad ag amas air cupa eile a bhuannachadh
Bheir a' chuairt dheireannach là mòr de dh'iomain aig An Eilean gu ceann.
Tòisichidh gnothaichean aig 1f le Obar Dobhair is Dùn Ad a' farpais airson a' Chupa Dhùbhlain.
Chluich iad geama iongantach san Lìog Nàiseanta nas tràithe air an t-seusan is Dùn Ad a' buannachadh 8-5.
Rinn Dùn Ad eachdraidh cuideachd air a' mhìos seo chaidh nuair a bhuannaich iad Cupa ùr nan Sgiobaidhean Singilte le buaidh 5-3 an aghaidh Ghleann Urchadain.
Chuir Eilidh Chamshron ceithir tadhail sa gheama sin is 75 aice anns gach farpais am-bliadhna.

Tha Obar Dobhair airson duais a thogail ann am bliadhna eachraidheil 'son a' chluba
Tha Dùn Ad fhathast le cothrom cuideachd an lìog a bhuannachadh is a dhol suas dhan Phrìomh Lìog.
Bidh Obar Dobhair ag amas air stad a chur orra Disathairne ge-tà agus abair dòigh a bhiodh ann comharachadh gu bheil 25 bho chaidh an cluba acasan a stèidheachadh.
Bidh aig Dùn Ad ri sùil gheur a chumail air Rebecca Thorington is Katie Booth gu sònraichte is iadsan air còrr is 60 tadhal a chur do sgioba Fhìobha eatorra am-bliadhna.
Eadar an dà chuairt dheireannach sin bidh Gàidheil Ghlaschu an aghaidh Na Manachainn ann an Cupa Nàiseanta nam Bun-sgoiltean aig 3f.