Adhartas do sgiobaidhean Bhàideanach
Am peanas a chuir Baile Ùr an t-Slèibh troimhe gu cuairt dheireannach Chupa na Camanachd
- Air fhoillseachadh
Bha deireadh-seachdain air leth ann do sgiobaidhean Bhàideanach an dà chuid ann an iomain nam fear is nam ban.
Disathairne chaidh Baile Ùr an t-Slèibh air adhart gu cuairt dheireannach Chupa na Camanachd far an tèid iad a-rithist an aghaidh nan seann nàimhdean aca Ceann a' Ghiùthsaich.
Bha feasgar dùbhlanach aig a' Bhaile Ùr ann an Taigh an Uillt is iad 2-0 air dheireadh an aghaidh Camanachd an Òbain le dìreach cairteal na h-uaireach air fhàgail - an dà thadhal aig an Òban air tighinn bho Chonnor Howe.
Fhuair am Baile Ùr slighe air ais dhan gheama ge-tà le buille-peanais bho Steafan Dòmhnallach, is bha connspaid ann an uairsin nuair a chaidh Gary MacFhearchair aig an Òban a cur dheth is e air Drew Dòmhnallach a bhualadh leis a chaman - ged a bha MacFhearchair a' cumail a-mach gur e tubaist a bh' ann.
Chuir Mata Sloss tadhal eile dhan Bhaile Ùr le trì mionaidean air fhàgail gus an geama a chur gu ùine a bharrachd.
Baile Ùr an t-Sleibh 2 Camanachd an Òbain 2 (Baile Ùr an t-Slèibh air buannachadh 2-1 air buillean peanais)
An geama slàn eadar Baile Ùr an t-Sleibh is Camanachd an Òbain.
Cha robh an còrr thadhal san leth uair a bharrachd, ged a bha cairt dhearg ann do Declan Brannan aig a' Bhaile Ùr.
Dh'fhàg sin gun deach iad gu buillean-peanais agus 's e Kenny Ros eadar na puist dhan Bhaile Ùr an gaisgeach a bh' ann, a' sàbhaladh trì de dh'oidhirpean an Òbain gus am Baile Ùr a chur troimhe 2-1.
Bidh iad an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich sa chuairt dheireannaich san Òban air an 19mh den t-Sultain.
Sa Phrìomh Lìog Disathairne ghabh Ceann a' Ghiùthsaich an cothrom gus a' bheàrn eadar iad fhèin is am Baile Ùr aig a' mhullach a ghearradh gu ceithir puingean nuair a rinn iad an gnothach 4-1 air a' Ghearasdan.
Tha cùisean nas soilleire aig a' bhonn cuideachd is Loch Abar air dà phuing luachmhor a thogail le tadhal anns na diogan mu dheireadh an aghaidh Caol-Gleann gus buannachadh 2-1.
Aig an dearbh àm rinn na Sgìtheanaich a' chùis 3-1 air Caol Bhòid - is coltas ann aig an ìre seo gur iad Caol Bhòid is Caol-Gleann a thuiteas sìos dhan Lìog Nàiseanta.
Eachdraidh do Bhàideanach
Calum MacIllinnein ag aithris air dà chuairt dheireannach ann an iomain nam ban
Ann an iomain nam ban rinn Bàideanach eachdraidh Didòmhnaich nuair a bhuannaich Cupa na Prìomh Lìge.
'S e cupa ùr a tha seo is e leasachadh cudromach a th' ann cuideachd do dh'iomain nam ban le dusan cluicheadair air gach taobh seach deichnear.
Bha mòran an dùil ri geama teann sa chuairt dheireannach eadar Bàideanach is Ceann Loch Seile - sgioba a tha air adhartas mòr a dhèanamh am-bliadhna.
Air a' cheann thall bha Bàideanach cus ro mhath air an là ge-tà is iad a' buannachadh 6-0.
Thàinig na tadhail aca bho Megan Ralph (2), Kirsty Deans (2), Zoe Reid is Lexi NicFhearchair.
Là air leth do Bhàideanach is bidh sùil aca a-nise air a' Phrìomh Lìog is Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh cuideachd.
'S iad Ceann Loch Seile a bhios san rathad orra a-rithist is na sgiobaidhean gus coinneachadh san lìog air an 30mh den Lùnastal agus ann an cuairt dheireannach Cupa Valerie Fhriseil air a' 5mh den t-Sultain.
Rinn sgioba eile eachdraidh Didòmhnaich cuideachd.
Bhuannaich Dùn Ad Cupa ùr nan Sgiobaidhean Singilte is iad air soirbheachadh 5-3 an aghaidh Ghleann Urchadain às dèidh ùine a bharrachd.
Chuir Eilidh Chamshron ceithir de na tadhail aca is am fear eile a' tighinn bho Grace Drummond.
'S i Rowan Brockie a chuir na tadhail aig Gleann Urchadain.