Naidheachdan 11:00m

Jackdaw

Tha coltas gun toir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead do raon gas ùr Jackdaw anns a' Chuan a Tuath, 's dòcha ro dheireadh na mìos seo. Fhuair am pròiseact connspaideach cead an toiseach bho chionn ceithir bliadhna, ach chuir luchd-iomairt na h-àrainneachd stad air le argamaid anns na cùirtean Albannach nach tug oifigich spèis do dhroch bhuaidh connadh fosail.

Na h-Eileanan Fàclannach

Thuirt Sràid Dhowning nach atharraich seasamh na Rìoghachd Aonaichte air na h-Eileanan Fàclannach an dèidh maoidheadh bho Cheann-Suidhe Argentina, Javier Millei, gun cuir esan casg eaconomach air companaidhean a ghabhas gnothach ris an ola faisg air na h-eileanan. Thuirt an Riaghaltas gur e tìr Bhreatannach a th' anns na h-Eileanan Fàclannach agus gur ann mar sin a bhios cho fad 's a dh'iarras na h-eileanaich.

Reform UK

Dh'fhàg dithis àrd-dhreuchdan ann an Reform UK fhad 's a bhios rannsachadh ann mu chlàradh a rinn Seanail 4 anns a bheil bruidhinn air riaghailtean a sheachnadh airson taic-airgid fhaighinn dhan phartaidh. Tha laghan taghaidh a' casg taic-airgid bho dhaoine aig nach eil cead bhòtadh anns an dùthaich seo. Thug na Làbaraich agus na Libearlaich Dheamocratach a' chùis gu aire nam poileas. Thuirt Leas-Cheannard Reform UK, Richard Tice, aig co-labhairt a' phartaidh ann am Birmingham, nach do bhrist iad riaghailtean ach gun toir iad sùil air a h-uile taobh den chùis.

Faraidhean Adhair

Tha dragh air cuid ann an Uibhist gun caill iad seirbheisean adhair mura bi freagairt fad-ùine ann do dh'fharaidhean àrda. Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Stephen Flynn, gu bheil còmhraidhean a' dol air adhart an-dràsta airson fuaslgadh fhaighinn dha sin.

Loidhne Rèile a' Chinn a Tuath

Tha maill air seirbheisean rèile eadar Inbhir Nis is Inbhir Ùige agus eadar Inbhir Nis is Caol Loch Aillse fhad 's a tha seirbheisean èiginn a' dèiligeadh ri tachartas air an loidhne tuath air Inbhir Pheofharain. Tha ScotRail ag ràdh gun gabh ticeadan acasan a chleachdadh air feadhainn de sheirbheisean bus Stagecoach san sgìre.

  • Earrann
  • Air fhoillseachadh