Iarrtas 'son bhanaichean-campachaidh a chasg bho phàircean-chàraichean an Cataibh

- Air fhoillseachadh
Chaidh iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd bhanaichean-campachaidh a chasg bho a bhith a' fuireach ann am pàircean-chàraichean ann an Cataibh tron oidhche.
On a chaidh slighe-turasachd an NC500 a stèidheachadh, tha Cataibh air a bhith gu math trang le luchd-turais agus gu sònraicte le bhanaichean-campachaidh.
A-nis, às dèidh do ghearanan mu dhol a-mach mì-shòisealta ann an pàircean-chàraichean Ghoillspidh agus Dhiùranais, agus cuideachd gun robh daoine a' faighinn cuidhteas de sgudal anns na pàircean-chàraichean, tha comhairlichean na sgìre airson 's gun tèid ruideigin a dhèanamh.
Thèid iarraidh air comharlaichean air Comataidh Sgìre Chataibh de Chomhairle na Gàidhealtachd aontachadh ri casg a chur air bhanaichean-campachaidh bho a bhith a' fuireach ann am pàircean-chàraichean na comhairle tron oidhche.
Mhol na comhairlichean a tha airson a leithid de chasg a chur an sàs gun rachadh soidhnichean a chleachadh gus innse do dhaoine far am faigh iad air parcadh fad na h-oidhche.
Ach, ann an aithisg mun chùis, thuirt oifigich gum faodadh a leithid de chasg còrr 's £40,000 a chur ri na tha a' chomhairle a' cosg air luchd-obrach parcaidh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An t-Iuchar 2024
