Bàideanach is Ceann Loch Seile sa chuairt dheireannaich de Chupa na Prìomh Lìge

Cluicheadairean Bhàideanach
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Bàideanach is Ceann Loch Seile air adhart dhan chuairt dheireannaich de Chupa na Prìomh Lìge is iad ri chèile air buannachadh gu furasta Didòmhnaich.

Rinn Bàideanach a' chùis air na Sgitheanaich 7-0 agus 's e 6-0 a bh' ann do Cheann Loch Seile an aghaidh Inbhir Nis

Bha dùil ri geama faisg eadar Bàideanaich is na Sgitheanaich ach air a' cheann thall bha an sgioba a th' aig bàrr na lìge cus ro mhath dha na h-eileanaich.

Thàinig tadhail Bhàideanach bho Hope Borthwick (3), Lexi Farquhar (2), is Kirsty Deans (2).

Tha seusan air leth air a bhith aig Ceann Loch Seile gu seo is fhuair iadsan seachad air Inbhir Nis gun duilgheadas sam bith.

'S iad Lorna NicRath (4), Lexie NicCoinnich is Rhianna Kirk a bha air an targaid dhaibh.

Ann an Cupa nan Sgiobaidhean Singilte 's iad Gleann Urchadain is Dùn Ad a bhios sa chuairt dheireannaich.

Rinn sgioba a' Ghlinne a' chùis air Lòbhat 7-3 agus 's e 14-2 a bh' ann do Dhùn Ad an aghaidh Tatha is For.

Tadhail gu leòr an iomain nam fear

Dh'fhuiling na Sgitheanaich droinneadh bho sgioba à Bàideanach ann an iomain nam fear cuideachd is Ceann a' Ghiùthsaich a' buannachadh 6-0 aig Pàirc nan Laoch sa Phrìomh Lìog Disathairne.

'S iad Dylan Borthwick (2), Lee Bain, Calum McLay, Seòras Ramsay is Ruairidh MacAnndrais a fhuair na tadhail do Kings, a tha a-nise ceithir puingean air cùlaibh Bhaile Ùr an t-Slèibh is iad air geama nas lugha a chluich.

Ghluais an Gearasdan suas dhan treas àite - ged a tha iad pìos air dheireadh air sgiobaidhean Bhàideanach - nuair a bhuannaich iad 5-2 an aghaidh Chabar Fèidh aig Caisteal Leòid.

Fhuair Victor Mac a' Ghobhainn trì is thàinig na tadhail eile bho Alexander MacMhaoilein is Archie MacFhioghnain.

'S iad Gavin MacLachlainn is Seumas MacEanraig a fhuair tadhail Chabers.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog thug Loch Abar pronnadh 9-3 air Caol Bhòid is sgioba Thaigh na Bruaich ann an suidheachadh gu math dubhach aig bonn na lìge.

Agus chaidh Cill Mhàilidh air adhart do chuairt dheireannach Chupa a' Bhaile Mhòir nuair a rinn iad an gnothach 2-1 air Inbhir Aora ann an Taigh an Uillt.

'S iad Lòbhat a bhios nan aghaidh sa chuairt dheireannaich.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte