Aimhreit mu chù a' cur buidheann coimhearsnachd an Leòdhas an cunnart

Tha Claire Kellerman a' cumail a-mach gun deach cead a dhiùltadh dhi an cù aice a thoirt a-steach don chafaidh an Talla Coimhearsnachd Bheàrnaraigh
- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh gum bi Comann Coimhearsnachd Bheàrnaraigh (BCA) ann an Leòdhas ann an staing airgid ri linn cùis-lagha nan aghaidh ag iarraidh gum bi cead aig cù a dhol a-steach dhan chafaidh aca.
'S i Claire Kellerman, nighean a' chleasaiche Sally Kellerman a chluich "Hot Lips" Houlihan san dràma comadaidh M*A*S*H, a thog a' chùis-lagha 's i a' cumail a-mach gun deach leth-bhreith a dhèanamh oirre. Chan eil e soilleir an e cù-taice a th' aice.
Thathar a' tuigsinn gun d' fhuair Ms Kellerman taic laghail airson na cùise-lagha.
Ge-tà, tha BPA nan Eilean Siar, Dòmhnall MacFhionghain, ag iarraidh air Bòrd Taic Laghail na h-Alba (Slab) gun dèan iad àth-sgrùdadh air a' chùis agus ceist air mu bhith a' cleachdadh airgead poblach air a son.
Thuirt neach-labhairt Slab gum bi iad a' cumail taic ri tagraidhean a rèir nan riaghailtean aca, agus gur e obair nan cùirtean breithneachadh air cùisean.

Claire Kellerman (clì) le a màthair Sally Kellerman ann an 1997
Ann an teachdaireachd air na meadhanan-sòisealta, dh'iarr BCA taic airson nan cosgaisean laghail aca, a dh'fhaodadh a bhith cho àrd ri £10,000.
Thuirt an cathrannas, a stèidhicheadh an 1973, gur e daoine ag obair gu saor-thoileach a bha a' ruith na talla-coimhearsnachd far a bheil cuideachd ionad an dotair, an stèisean-smàlaidh, taigh-tasgaidh agus cafaidh.
Nuair a chaidh beachd iarraidh orra thuirt neach-labhairt BCA: "Leis gu bheil cùis-lagha a-nis a' dol cha bhiodh e iomchaidh an còrr a ràdh aig an ìre seo mu chasaidean."
Chaidh a' chùis beò air beulaibh Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh an t-seachdain a chaidh.
'S e an cathrannas Ionad Laghail nam Mion-Shluagh Cinnidheach a tha a' riochdachadh Ms Kellerman.
Tha BPA nan Eilean Siar, Dòmhnall MacFhionghain, air litir a sgrìobhadh gu Slab airson innse dhaibh gun deach a' bhuidheann ionadail cheàrr ainmeachadh sa chiad dol a-mach.
Mhìnich Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Bheàrnaraigh nach robh gnothach aca ri BCA agus an cafaidh.
Chaidh sin a cheartachadh ach tha Mgr MacFhionghain ag ràdh gun do lean Slab a' cumail taic ris a' chùis-lagha agus gun "tàinig cosgaisean laghail air an urras".
Tha Mgr MacFhionghain cuideachd a' ceasnachadh a bheil e a chùm maith a' phobaill airgead luchd-pàighidh cìse a chleachdadh san dòigh seo.
"Tha taic laghail cudromach a thaobh cothrom a thoirt air ceartas," thuirt e.
"Ge-tà, tha e a cheart cho cudromach gun tèid sgrùdadh ceart a dhèanamh air cùisean-lagha a gheibh taic-airgid phoblach feuch a bheil e laghail, reusanta agus am faighear air gnothach a rèiteach."

Tha mu 350 duine a' fuireach ann am Beàrnaraigh
Tha dùil gun do ghluais Claire Kellerman, 62, a dh'Alba bho chionn beagan bhliadhnaichean.
Sgaoil i teachdaireachd mun t-suidheachadh air na meadhanan-sòisealta sa Chèitean.
Thuirt i gun robh i Cafaidh Coimhearsnachd Bheàrnaraigh ri "sàrachadh" agus "leth-bhreith mì-laghail an aghaidh choigreach", agus nach iad a' cumail taic ri cioramaich le coin-taice.
Tha am BBC air beachd iarraidh air Ms Kellerman agus an luchd-lagha aice.
Thuirt neach-labhairt Bòrd Taic Laghail na h-Alba: "Ma tha tagraidhean a rèir nan riaghailtean againn, feumaidh sin taic laghail a thoirt seachad.
"Chan eil seo a' ciallachadh gu bheil sinn a' cur taic ri cùis: 's àbhaist dhuinn a bhith a' cumail taic ri gach taobh ann an cùis-lagha.
"Chan e an obair againn breithneachadh air cùis, 's ann an urra ris a' chùirt a tha sin.
"Bheachdaich cùirt air an seo bho chionn ghoirid agus leig iad leis a' chùis leantainn."