Duaisean Dèan Diofar: Coinneach Roddy MacIllEathain

Coinneach Roddy MacIlleathain
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Coinneach Roddy MacIllEathain, à Nis, ainmeachadh air gearr-liosta Duaisean Dèan Diofar BBC Radio nan Gàidheal 2026.

'S e a' chiad neach air a' gheàrr-liosta am-bliadhna, le neach gu bhith air ainmeachadh gach Diardaoin, mus tèid an duais a bhuileachadh air neach no buidheann air an 3mh den t-Sultain.

'S i Muriel NicLeòid a mhol Coinneach Roddy airson na duaise, air sgàth na h-obrach mòire a rinn e leis an òigridh aig Cluba Ball-coise Nis thar nam bliadhnaichean mu dheireadh.

Thuirt i: "Tha Coinneach Roddy a' dèanamh uiread airson na coimhearsnachd agus clann na sgìre, agus sgioba Nis.

"Chan eil baile anns an eilean cho fortanach 's a tha sinn le na stuthan a th' againn agus na cothroman a th' aig a' chloinn cuideachd anns an sgìre."

Thuirt Coinneach Roddy, a tha cuideachd na Chathraiche air a' chluba an-dràsta, gun do chuir e iongnadh mòr air aithne fhaighinn, agus gun robh sgioba mòr a' toirt taic ris.

Coinneach Roddy (sa bhonaid) a' coimhead seisean treànaidh aig Pàirc nan Còig Pèighinnean
Fo-thiotal an deilbh,

Coinneach Roddy (sa bhonaid) a' coimhead seisean treànaidh aig Pàirc nan Còig Pèighinnean

Tha an sgioba ball-coise agus an cluba sòisealta ri thaobh air a bhith aig cridhe coimhearsnachd Nis fad bhliadhnaichean.

Fhuair Coinneach Roddy buannachd às na òige, agus tha e airson an dearbh chothrom a' toirt don ath-ghinealach.

Tha Muriel ag ràdh gu bheil e deònach agus deiseil taic a thoirt seachad uair sam bith.

"Tha e a' cur air dòigh farpaisean an seo, agus cuideachd tha e a' cur nan sgiobaidhean a-steach gu farpaisean air an eilean, agus tha e a' cur air dòigh a h-uile càil, leis a' chomataidh cuideachd, agus a' cur man busaichean is rudan, lioft no rud sam bith airson 's gum faigh a h-uile duine cothrom.

"Mar sin, chan eil e gu diofar cò bhuaithe a tha thu no dè, nì e rud sam bith airson do chuideachadh faighinn gu na farpaisean a tha sin."

Coinneach Roddy a' coiseachd air pàirce ball-coise Nis.

Chan eil cho fada sin bho bha an cluba a' strì gus sgiobaidhean òigridh fhaighinn air a' phàirc.

"Cha robh cluicheadairean againne a bha a' cluich aig aois 14, 16 agus 18 airson faisg air deich bliadhna," thuirt Coinneach Roddy,

Tha bliadhnaichean nas fheàrr air fàire mar thoradh air an t-uabhas de dh'obair agus seiseanan leithid Acadamaidh Charlie Miller - seann cluicheadair a bha aig Rangers am measg sgiobaidhean eile.

Thuirt Coinneach Roddy: "Tha mi a' creidsinn gu bheil trì no ceithir bliadhna ann a-nis bho chuir sinn a' chiad sgioba fo aois 14 a-steach.

"Tha na sgiobaidhean sin, tha iad uabhasach math a' tighinn suas agus tha iad a-nis aig an ìre 's gu bheil iad san sgioba fo 18, agus an dòchas gum bi dhà no thrì sheusan bidh iad againn anns an sgioba inbheach.

"Bidh sinn a' buannachadh rudan fiù' s, sin an targaid."

Sin an targaid air a' phàirc, ach bha leisg air Coinneach Roddy fèin-mholadh a dhèanamh. Bha Muriel deònach gu leòr ge-tà!

Thuirt i: "Tha e cho cudromach gu bheil e againn agus tha e a' dèanamh uiread dhan choimhearsnachd agus do Sgioba Nis, a' cur nan rudan seo air dòigh.

"Tha sinn cho taingeil agus tha e airidh air duais airson na tha e a' dèanamh."