Tubaist mhairbhteach air rathad Mhòinteach Bharabhais

An A857Tùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh tubaist mhairbhtich air an A857 ann an Leòdhas.

Thachair e mu 4:40f Disathairne eadar càr MG airgid agus motar-baidhseagal BMW S1000 dubh mu mhìle a-mach à Newmarket.

Chaidh fear, 56, a bh' air a' mhotar-baidhseagal, a thoirt a dh'Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, far an do bhàsaich e. Chaidh fios a chur gu a theaghlach.

Chan eil aithrisean sam bith ann air duine eile a bhith air an goirteachadh.

Chuireadh fireannach, 44, a bha a' dràibheadh a' chàr an grèim, agus tha rannsachadh a' leantainn.

Chaidh an rathad a dhùnadh gach taobh ach dh'fhosgail e a-rithist mu 05:00m Didòmhnaich.

"Tha ar smuaintean le teaghlach agus caraidean an duine a bhàsaich ri linn na tubaiste seo," thuirt an Sàirdseant Scott Dòmhnallach.

"Tha an rannsachadh againn a' leantainn feuch dè dìreach a thachair, agus dh'iarrainn air duine sam bith a chunnaic na thachair no a chunnaic na carbadan air thoiseach air fios a chur thugainn, taobh a-muigh."

Dh'iarr na Poilis gu h-àraid gum faigh iad dealbhan dashcam sam bith a th' aig dràibhearan a bha san sgìre mun àm.