Celtic Connections gus tòiseachadh

- Air fhoillseachadh
Tha an fhèis-chiùil Celtic Connections a' tòiseachadh oidhche Ardaoin ann an Glaschu, leis an àireamh as motha de luchd-ciùil eadar-nàiseanta bho 2020.
Tha 31 bhliadhna on thòisich Celtic Connections, agus ged a tha dùbhlain air a bhith mu choinneimh na fèise geamhraidh sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh tha spionnadh às ùr san tè seo le luchd-ciùil agus luchd-èisteachd bho air feadh an t-saoghail a' tilleadh am-bliadhna.
Bidh ceòladairean ann bho Aimeireaga a Tuath, Taobh Sear Afraga, na h-Ìnnseachan, Astràilia agus an Ucràin, còmhla ri luchd-ciùil Albannach.
Nam measg tha Carlene Carter - nighean June Carter Cash.
Cuideachd bidh an còmhlan Èireannach am Bothy Band air ais air an àrd-ùrlar airson a' chiad uair ann an grunn bhliadhnaichean.
Bidh cuideachd an dà chuid Dougie Mac IllEathain agus an Scottish Chamber Orchestra a' comharrachadh 50 bliadhna on thòisich iad ann an saoghal a' chiùil.