Dhiùlt Bakkafrost gabhail ri plana 'son call cosnaidh an Leòdhas a sheachnadh

Chuir luchd-obrach an ionaid-giullachd bhradain am molaidhean fhèin air adhart airson cosnaidhean a ghlèidheadh
- Air fhoillseachadh
Cha ghabh a' chompanaidh bhradain Bakkafrost ri molaidhean an luchd-obrach aca airson ionad-giullachd Marybank air iomall Steòrnabhaigh a chumail fosgailte.
Dhearbh a' chompanaidh san Iuchar gun do thòisich iad conaltradh leis an 77 a tha ag obair dhaibh an sin agus aig an làraich aca ann an Àranais.
Bha an luchd-obrach fhèin air plana a chur thuca le ro-innleachd air mar a ghabhadh an gnìomhachas a chumail a' dol le call 44 cosnaidhean a-mhàin.
Tha Bakkafrost ag ràdh, ge-tà, nach eil am plana practaigeach agus gun cosgadh e cus dhaibh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Bakkafrost gabhail ri molaidhean an luchd-obrach an t-ionad a chumail fosgailte
Sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar gu Bakkafrost a' cur taic ri molaidhean an luchd obrach.
Thuirt Ceannard na Comhairle, Pòl Steele: "Tha call 77 cosnaidhean co-ionann ri call 2,000 obair ann an Glaschu, agus bheireadh e fìor dhroch bhuaidh air a' choimhearsnachd.
"Seo plana a leigeas le Bakkafrost gun na h-uimhir de chosnaidhean a ghearradh agus na sàbhalaidhean a tha a dhìth orra a dhèanamh aig a' cheart àm," mhìnich Mgr Steele.
Thuirt a' Chomhairle gum biodh iad a' cumail orra a' deasbad an t-suidheachaidh le Bakkafrost.

Tha dragh ann nach fhosgail Bakkafrost an fhactaraidh aca ann am Marybank a-rithist
Thuirt fear-labhairt na companaidh: "Tha sinn a' conaltradh leis an luchd-obrach mun mholadh na h-ionadan againn ann an Àranais agus Marybank a dhùnadh rè ùine.
"Fhuair sinn dà mholadh bhon fheadhainn air am faodadh seo buaidh a thoirt agus mheòraich sinn orra.
"Chan obraicheadh na planaichean leis gun cosgadh e barrachd dhuinn thairis air an ath 18 mìos.
"Tha sinn a' brosnachadh luchd-obrach beachdachadh air obair eile sa chompanaidh, agus na sgilean aca a leasachadh, agus tha sinn ag obair còmhla ri buidhnean eile airson coimhead air dè na cothroman obrach a th' ann san sgìre."
Agallamh rèidio còmhla ri Iar-Cheannard Comhairle nan Eilean Siar An Comh. Donnchadh MacAonghais.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne thuirt Iar-Cheannard na Comhairle, Donnchadh MacAonghais, gur e an t-eagal orra nach tèid na làraichean aig Bakkafrost a chleachdadh tuilleadh, agus gun tèid sgilean an luchd-obrach a chall.
Na bheachd, bu chòir barantas a bhith an cois cheadan a gheibh companaidhean èisg airson a bhith ag àrach bhradain sna h-Eileanan gum bi buannachdan eaconamach ann dhan sgìre.
Tha a' Chomhairle ag obair an co-bhuinn le Leasachadh Sgilean na h-Alba airson tachartas a chur air dòigh ann an Talla Baile Steòrnabhaigh Dihaoine.
Bidh cothrom aig an fheadhainn a chailleas an cuid cosnaidh coinneachadh ri oifigearan agus ri luchd-fastaidh aig am faodadh obair a bhith ann dhaibh.