CnES a' sireadh soillearachaidh bho Bakkafrost

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad a' sireadh soillearachaidh bhon chompanaidh Bakkafrost mun obair aca anns na h-Eileanan an Iar is e air tighinn am bàrr gu bheil timcheall air 80 cosnadh aig a' chompanaidh ann an Leòdhas ann an cunnart.
Dhearbh Bakkafrost Diardaoin gu bheil iad a' beachdachadh air an ionad ghiollachd èisg aca ann am Marybank air iomall Steòrnabhaigh a dhùnadh 'son ùine.
Bhiodh an làrach aca ann an Àranais cuideachd a' dùnadh mar phàirt de na planaichean.
Thuirt Bakkafrost gur e as coireach gu bheil iad air a' mhòr-chuid den obair buain aca a dhèanamh sa chiad phàirt den bhliadhna agus nach bi ach glè bheag a' dol thairis air na h-18 mìosan a tha ri thighinn.
Chan eil buaidh air timcheall air 80 cosnadh eile aig tuathanasan-èisg Bakkafrost anns na h-Eileanan an Iar.
Ach ged a thuirt Bakkafrost gum biodh na goireasan ann am Marybank is Àranais a' dùnadh 'son ùine, thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil e a' tuigsinn gum biodh iad dùinte gu co-dhiù 2027, is BP ùr na sgìre, Torcuil Crichton, ag ràdh nach eil coltas ann gum fosgail iad às ùr idir.
Ann am brath Dihaoine, dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gun do choinnich iad ri ceannard Bakkafrost ann an Alba, Iain Laister.
Chan eil an t-ùghdarras ionadail air an dòigh le mar a chaidh an gnothach a làimhseachadh.
"'S e suidheachadh an luchd-obrach is an teaghlaichean an rud as cudromaiche dhuinne is bidh sinn ag obair còmhla ri Leasachadh Sgilean na h-Alba gus taic a thoirt a dhaibh," thuirt ceannard na Comhairle, Pòl Steele.
"Bheir seo cuideachd buaidh mhòr air gnothachasan ionadail a bha a' toirt seachad seirbheisean do Bakkafrost.
"Tha na h-Eileanan an Iar air cur gu mòr ri gnìomhachas nan tuathasan-èisg thairis air ùine is tha an àrainneachd ionadail is eòlas nan gnothachasan is nan daoine againn air a bhith fìor chudromach do Bakkafrost is companaidhean mòra eile.
"Cha b' ann an-diugh no an-dè a rinn Bakkafrost na co-dhùnaidhean seo.
"'S e ceum fìor mhòr a th' ann a bhith a' gearradh 77 obraichean sna h-Eileanan an Iar is bha còir Bakkafrost a bhith air rabhadh a thoirt seachad fada ron seo.
"Cumaidh sinn oirnn a' conaltradh le Bakkafrost feuch soillearachadh fhaighinn bhuapa mu na planaichean aca anns na h-Eileanan san àm ri teachd, a' gabhail a-steach obair ghiollachd a thòiseachadh às ùr," thuirt e.