Leudachadh air ADS ga iarraidh

  • Air fhoillseachadh
Plèana Saab

Feuchaidh Comhairle nan Eilean Siar uair eile ri toirt air Riaghaltas na h-Alba faraidhean ADS a leudachadh.

An-dràsta, tha luchd-siubhail prìobhaideach agus buidhnean carthannais a' faighinn faraidhean saora ADS air plèanaichean nan eilean.

Ach chan EIL buidhnean poblach no luchd-gnothachais - chaidh an toirt bhuapa-san ann an 2010.

Bidh Comhairle nan Eilean Siar aon uair eile a' feuchainn ri toirt air Riaghaltas na h-Alba an toirt dhaibh air ais.

Tha am fear-gairm, Tormod Dòmhnallach, ag ràdh gun dèanadh e diofar mòr dhan chomhairle agus do dh'eaconamaidh nan Eilean.

Bha e ag ràdh: "'Se a tha sinn ag iarraidh a dhèanamh ach an sgeama a thoirt air ais gu far an robh e aig toiseach tòiseachaidh agus bha e comasach an uairsin dha gnìomhachasan agus an roinn phoblach an ADS a chleachdadh airson siubhal air ais agus air adhart bho thìr-mòr.

"Chaidh sin a ghearradh air ais agus tha sinn a meas gur e rud iomchaidh a bhiodh ann sin a chur a-steach air ais a-rithist air sgàth 's nach eileas a' cleachdadh leth uimhir de dh'airgead sa bha iad a' smaoineachadh a thaobh ADS anns a' chiad àite.

"Tha e a' toirt slaic an dà chuid air an roinn phoblaich agus air an roinn phrìobhaidich nach eil e comasach dhaibh a bhith a' cleachdadh ADS airson a bhith a' siubhal gu coinneamhan air tìr-mòr."