'Adhbharan dòchais' mu shealg a' ghuga, a rèir BhP nan Eilean Siar

- Air fhoillseachadh
Bu chòir riochdairean NàdarAlba a dhol a Nis airson ionnsachadh dhaibh fhèin mu shealg a' ghuga agus na tha an cleachdadh a' ciallachadh dhan sgìre, a rèir BhP nan Eilean Siar.
Bha Torcuil Crichton a' bruidhinn an dèidh do bhòrd na buidhne cead a dhiùltadh Diluain dhan t-sealg am-bliadhna.
Fo Earrann 16 de dh'Achd na Fiadh-bheatha 's na Tuaithe tha còir aig "Fir Nis" ann an ceann a tuath Leòdhais falbh a Shùlasgeir, mu 40 mìle tuath air an eilean, airson àireamh aontaichte de ghugannan - sùlairean òga mus bi comas sgèith aca - a mharbhadh airson biadh a h-uile bliadhna.
Bha iomairt mhòr ann am measg luchd-glèidhteachais airson sealg a' ghuga, a th' air a bhith ga dhèanamh co-dhiù 500 bliadhna, a chasg, le athchuinge a' faighinn còrr air 100,000 ainm.

Ged a bha Mgr Crichton diombach mun cho-dhùnadh, 's e ag ràdh gu bheil e follaiseach "gun robh poileataigs an sàs sa ghnothach", thuirt e gun tàinig nithean am bàrr Diluain a dh'fhaodadh dìon a chur air sealg a' ghuga.
"Rudan math a thàinig a-mach às a' choinneimh, 's e sin gun do dhearbh oifigearan a' bhùird gu bheil an dòigh a tha muinntir Nis a' cleachdadh airson a bhith a' sealg a' ghuga, tha sin laghail," thuirt e.
B' e fear de na h-argamaidean a bu làidire a chleachd an luchd-iomairt gun robh an dòigh sam bithear a' marbhadh nan gugannan "borb", ach tha Mgr Crichton ag ràdh nach eil an argamaid sin a' seasamh tuilleadh ri linn cho-dhùnadh a' bhùird.
"An dòigh a tha iad a' spadadh nan eun, tha sin cothromach agus laghail, agus cuideachd gun robh iad ag iarraidh còmhraidhean a bhith aca le muinntir Nis mu dheidhinn na dòigh air adhart."
Dòchas gun tig bòrd NàdarAlba a Nis a mhìneachadh carson nach do cheadaich iad sealg a' ghuga
- Air fhoillseachadhBho chionn 11 uair
Cead ga dhiùltadh do shealg a' ghuga am-bliadhna
- Air fhoillseachadhBho chionn 17 uairean
Thuirt NàdarAlba nach eil an co-dhùnadh "a' cur bacadh air Fir Nis cur a-steach agus cead fhaighinn sna bliadhnaichean ri teachd".
Tha luchd-strì an aghaidh na seilge ag ràdh gun cùm iad orra gus an tèid a casg buileach.
Thuirt Mgr Crichton gu bheil e a-niste follaiseach gum bi strì ann a h-uile bliadhna airson cead fhaighinn a dhol a Shùlasgeir.
Feumar a-niste, thuirt e, dòigh a lorg airson àireamh nan sùlairean a ghlèidheadh, agus cuideachd "dòigh-beatha, is cultar is cleachdadh muinntir Nis a ghlèidheadh".
"Feumaidh sinn a bhith a' coimhead ri seo an ath-bhliadhna agus anns na bliadhnaichean ri teachd," thuirt e.
"'S e an rud a bhithinnsa ag iarraidh fhaicinn, 's e gun tigeadh buill de bhòrd NàdarAlba a Nis 's gum biodh còmhraidhean cothromach aca le muinntir Nis, gum biodh tuigse aca ciamar a tha seo mar phàirt de dhòigh-beatha agus cultar agus cleachdadh mhuinntir Nis - gum biodh sin mar phàirt den argamaid cuideachd.
"Agus gun dèanar ath-sgrùdadh air a' cho-dhùnadh, air an t-saidheans, gum bi fios againn, gum bi earbsa againn gur e an co-dhùnadh ceart a bha sin."