Poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh tubaist a dh'fhàg duine san ospadal

Carbad Poilis
  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' sireadh luchd-fianais às dèidh do thubaist faisg air Loch Nis fireannach, 74, fhàgail anns an ospadal.

Thachair an tubaist le traidhg Rewaco mu 3:00f Disathairne air a' B851 faisg air Dùn Mac Glais air taobh a deas Loch Nis.

Cha deach neach-siubhail a bha còmhla ri an dràibhear a ghoirteachadh.

Tha na poilis a-niste a' feuchainn ri lorg fhaighinn air dràibhear VW Golf no Polo ghil a chaidh fhaicinn anns an sgìre mun àm a thachair an tubaist.

Thuirt oifigearan gu bheil an sgrùdadh aca a' leantainn.

Dh'iarr iad air duine sam bith a chunnaic an tubaist no aig a bheil clàraidhean bhideo cuideachail fios a chur thuca., taobh a-muigh