Naidheachdan 11:00m

BP

Tha BP ag ullachadh airson na th' aca sa Chuan a Tuath a reic aison a' chompanaidh a dhèanamh nas èifeachdaiche. Thuirt àrd-oifigeach BP, Meg O'Neill, gum biodh a' phàirt sin den ghnìomhachas nas fheàrr fo shealbh companaidh eile. Tha mu 1,100 duine ag obair do BhP co-cheangailte ris a' Chuan a Tuath.

Gàsa

Thuirt an Ceann-suidhe Trump gun deach aonta a dhèanamh fon cuir Hamas an armachd bhuapa agus fom fàg feachdan Isreal sgìre Ghàsa. Dh'innis fear de cheannardan Hamas dhan BhBC gun do ghabh iad ri plana bho Bhòrd Sìthe a' Chinn-suidhe. Cha tuirt Isreal dad fhathast mun chùis.

FIFA

Tha Caidreachas Ball-coise Àsia a' cur an taic ris an iomairt an aghaidh plana FIFA còraichean Cupa na Cruinne a reic ri buidhnean prìobhaideach. Tha an AFC ag ràdh gu bheil iad a' seasamh còmhla is a' bhuidhinn Eòrpach, UEFA, agus CONCACAF a tha a' riochdachadh Cheann a Tuath 's Meadhan Aimeireaga agus an Caribbean. Leig fear de dh'àrd-chomhairlichean do Cheann-suidhe FIFA, Gianni Infantino, dheth a dhreuchd an-diugh. Thuirt Carlos Cordeiro gu bheil esan gu tur an aghaidh a' phlana.

Ceuta

Tha Prìomhaire agus Ministear Dùthcha na Spàinne a' siubhal gu iadhtag Spàinnteach Ceuta, ann an ceann a tuath Afraga, san do ràinig mu 50,000 in-imriche mì-laghail à Morocco an t-seachdain seo. Tha saighdearan o thìr-mòr na Spàinne a' toirt taic a-niste do phoileas na sgìre air an do dh'fhaillich e smachd a chur air na h-in-imrichean.

Clàradh os-ìosal

Tha poilis a' rannsachadh duine a chuir cuairt air a' Ghàidhealtachd agus na h-eileanan fo chionn ghoirid le speuclairean a bha a' clàrdadh dhaoine gun fhiosta dhaibh. Chuir Scott Margerison, à Rotherham, bhideothan an uairsin air-loidhne sa bheil briathran drabasta agus beachdan sam faodadh gràin-chinnidh a bhith. Thuirt Poileas Alba gun deach gearan riutha mu dheidhinn agus gu bheil iad a' rannsachadh an deach eucoir a dhèanamh.

Bàs duine

Thèid athaisg gu Neach-casaid a' Chrùin mu bhàs fireannaich às na Crìochan a fhuaireas marbh ann an carbad ann an Sruighlea. Ged nach deach aithne fhoirmeil a dhèanamh fhathast chaidh fios air teaghlach George McCulloch, 58 bliadhna de dh'aois, à Hamhaig, a chaidh fhaicinn mu dheireadh san Òban Diluain seo chaidh. Thuirt poilis gu bheil iad den bheachd nach eil dad amharasach mun chùis.