
Thèid oidhirp eile a dhèanamh madainn Diciadain buidseat talla spòrs ùr Bun-sgoil Steornabhaigh àrdachadh.
Dh'aontaich comataidh foghlaim Comhairle nan Eilean Siar ri buisdeat de cha mhòr £2m an t-seachdain seo chaidh, ach tha buidheann de chomhairlaichean anns a' bhaile a' strì airson an leasachadh a dhèanamh nas motha.
Chaidh buidseat £1.8m aontachadh airson na talla ùire na bu thràithe air a' bhliadhna.
Thàinig seo às dèidh bhliadhnaichean de dheasbad is tuigse ann nach eil na goireasan spòrs a th' ann an-dràsta freagarrach.
A rèir nam planaichean bidh an talla meud ceithir cùirtean badminton.
An t-seachdain seo chaidh dh'aontaich comataidh an fhoghlaim £150,000 a chur ris a' bhuidseat is oifigearan draghail mu mar a tha prìs stuthan togail ag èirigh.
Bha sin às dèidh do bhuill bhòtadh an aghaidh oidhirp bho bhuidhinn de chomhairlaichean sa bhaile àrdachadh de £340,000 a chur ris a' bhuidseat.
Bha iad ag argamaid gun robh pàrantan ag iarraidh talla nas motha.
Ged nach deach leotha feuchaidh iad a-rithist madain Diciadain nuair a chuireas iad am moladh aca air beulaibh coinneimh den Làn-Chomhairle is iad an dochas gum faigh iad barrachd taic an sin.