Dùinidh an aon taigh-bìdh san Eilean Sgitheanach le rionnag Mhichelin

Togalach geall le frèamaichean uinneige dubha. Tha being agus bòrd dubh ri taobh an dorais. Tùs an deilbh, MICHELIN/LOCH BAY
Fo-thiotal an deilbh,

Dùinidh an taigh-bìdh air an 31mh den Dàmhair an dèidh 10 bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Tha an aon taigh-bìdh san Eilean Sgitheanach le rionnag Mhichelin, Loch Bay, a' dol a dhùnadh aig deireadh na Dàmhair an dèidh deich bliadhna.

Dh'fhosgail an còcaire Mìcheal Mac a' Ghobhainn agus a bhean Laurence an taigh-bìdh ann an seann taigh-croite ann an sgìre Bhatarnais bho chionn 10 bliadhna.

Choisinn iad rionnag Mhichelin ann an 2017.

Sgaoil a' chàraid an naidheachd ann an teachdaireachd air na meadhanan-sòisealta.

Thuirt iad gur iad an luchd-obrach, na companaidhean solair agus a' choimhearsnachd a dh'fhàg gun robh iad cho soirbheachail.

"Bidh sinn daonnan cho taingeil dhan luchd-obrach agus luchd-cleachdaidh airson cothrom a thoirt dhuinn cuimhneachain phrìseil a chruthachadh a bhios againn gu bràth.

"Taing mhòr airson a bhith mar phàirt den sgeulachd againn," thuirt iad.

Dhearbh iad gun dùin Loch Bay aig deireadh na Dàmhair agus gu bheil fiughair aca ris na h-ath chaibidealan nam beatha phrìobhaideach agus phroifeasanta.