An t-Eilean air ais is dùil ri buannachd £1m aig ìre ionadail

Sorcha Groundsell ann an Steòrnabhagh. Tùs an deilbh, Black Camel Pictures
  • Air fhoillseachadh

Tha MG ALBA ag ràdh gu bheilear an dùil gun cuir an dàrna sreath den dràma Ghàidhlig An t-Eilean £1m ri eaconamaidh nan Eilean Siar.

Tha an sgioba a tha ag obair air an t-sreath a-nise lethach slighe tro sheachd seachdainnean de dh'fhiolmadh anns na h-eileanan.

Chaidh an dàrna sreath a choimiseanadh an dèidh soirbheachadh mòr An t-Eilean an-uiridh.

'S e an dràma as cosgailte a bha riamh air BBC ALBA is e a' cosg £4m uile gu lèir.

Fhuair e an àireamh as àirde de luchd-coimhead bho thòisich BBC ALBA is chaidh a chraoladh cuideachd air BBC Four agus gu h-eadar-nàiseanta.

A thuilleadh air sin, fhuair An t-Eilean dà dhuais aig duaisean cliùiteach TV Eòrpach Prix CIRCOM 2025 ann am Barcelona.

Anns an t-sreath ùr, a tha air a chruthachadh le Nicholas Osborne agus air a cho-sgrìobhadh le Mairead Hamilton, bidh Sorcha Groundsell a-rithist a' cleas an t-Sàirdseant Kat Crichton is i an sàs às ùr ann an rannsachadh muirt.

Tha i ag obair aig an taigh is a' coimhead às dèidh a h-athair, a tha tinn, is a' dèiligeadh ri eucoir aig ìre ìosal nuair a tha corp boireannaich òig a' tighinn air tìr.

Tha Ruairidh MacIlleathain (air a chluich a-rithist le Sam James Smith) ag innse dhi an uairsin gu bheil esan den bheachd gu bheil eileanaich òga eile a dhìth, is an dithis air a' cheann thall air tòir mòr-mhurtair.

Am measg na tha còmhla ri Sorcha is Sam san t-sreath ùr tha Ava NicFhionghain, Owen Sutcliffe, Tanith Rothach, Aidan O'Callaghan, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Debbie NicAoidh, Yonalda Mitchell, Jamie Quinn, Roxie Mohebbi agus Àdhamh Ó Broin.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 4, Fiolmadh An t-Eilean,

Tha MG ALBA ag ràdh gum bi buannachdan eaconomach mòra ann dha na h-Eileanan an Iar - suas ri £1m.

Thuirt iad gu bheil cothroman trèanaidh ann cuideachd is cothrom aig Gàidheil a tha airson a bhith ag obair ann an gnìomhachas an telebhisein sgilean ùra ionnsachadh.

"Tha soirbheachas An t-Eilean a' sealltainn ruigsinneachd agus misneachd a tha a' sìor fhàs ann an dràma Ghàidhlig, chan ann a-mhàin mar mhaoin chultarail ach mar dhraibhear chothroman eaconamach is cruthachail airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean," thuirt Iain Moireasdan, Cathraiche MG ALBA.

"Tha an riochdachadh seo a' toirt seilbheadaireachd mhòr do choimhearsnachdan ionadail, a' cruthachadh chothroman sgilean luachmhor agus a' taisbeanadh Leòdhas agus na Hearadh do luchd-amhairc air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus gu h-eadar-nàiseanta."

Thadhail riochdairean bho HIE, Comhairle nan Eilean Siar agus VisitScotland air fiolmadh An t-Eilean Dimàirt.

Thuirt ceannard CnES, Pòl Steele, gun robh an t-ùghdarras ionadail glè thoilichte maoineachadh agus goireasan a thoirt seachad.

"Tha An t-Eilean mar-thà air na buannachdan eaconamach agus cultarail a shealltainn a dh'fhaodas riochdachadh sgrion àrd-inbhe a thoirt do na h-Eileanan Siar," thuirt an Comh Steele.

"Tha taic don dàrna sreath a' freagairt gu dlùth ris an ro-innleachd eaconamach againn, a' neartachadh ar gnìomhachasan cruthachail, agus a' cuideachadh le bhith a' dèanamh cinnteach gum bi na h-eileanan fhathast air am faicinn mar ionad airson cànan, cultar agus tàlant na Gàidhlig."