Aiseag Chaolas na Hearadh gu bhith dheth cola-deug

Tha an MV Loch Portain ga càradh ann an Grianaig agus trioblaid theicnigeach oirre
- Air fhoillseachadh
Cha bhi seirbheis aiseig air Caolas na Hearadh eadar an 25mh là den Lùnastal agus an 13mh là den t-Sultain.
Tha an MV Loch Portain fo sgrùdadh ann an Grianaig is trioblaid theicnigeach aice.
Tha an MV Loch Bhrusda air an t-slighe an-dràsta ach bidh ise a' falbh an ath-sheachdain agus cha bhi soitheach eile a' tighinn na h-àite.
San ùine sin gheibh daoine air siubhal eadar Uibhist a Tuath agus na Hearadh air an MV Glen Sannox a bhios air slighe eadar Loch nam Madadh agus an Tairbeart.