Caisteal Chiosmuil ceum nas fhaisge air fosgladh

- Air fhoillseachadh
Thòisich Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) obair riatanach mar phàirt den phròiseact aca Caisteal Chiosmuil am Barraigh a dhèanamh sàbhailte do luchd-tadhail a-rithist.
Nì iad càradh agus obair neartachaidh san Talla Mhòr gus am bi e sàbhailte gu leòr an còrr den obair a tha a dhìth am broinn an togalaich a chrìochnachadh.
Chaidh seann dachaigh Chlann MhicNèill am Bàgh a' Chaisteil a dhùnadh do luchd-tadhail ann an 2022 agus draghan ann mu staid an togalaich.
Thòisich an obair airson a dhèanamh sàbhailte an-uiridh.
B' fheudar seann nithean prìseil a bhuineas do Cheann-Fheadhna Chlann MhicNèill a thoirt air falbh fhad 's a leanas an obair. Nam measg tha sia musgaidean agus dà thaileabart bho àm Ar-a-mach nan Seumasach
Tha dùil gun toir an ìre seo den phròiseact mu thrì seachdainean.
'S e amas HES Caisteal Chiosmuil ath-fhosgladh don phoball aon uair 's gu bheil an togalach sàbhailte.
Thuirt Seumas Mac a' Phearsain, Ailtire Sgìreil HES: "Tha sinn a' gabhail ris gu bheil muinntir Bharraigh is Bhatarsaigh gu mòr airson Caisteal Chiosmuil a thaisbeanadh don luchd-tadhail a thig bho gach ceàrn den t-saoghal, agus leanaidh sinn ag obair gu dlùth leis a' choimhearsnachd ionadail."