SMO "deiseil ceum eile a ghabhail"

- Air fhoillseachadh
Chuir Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig fàilte air a' mholadh gum bi cead aig a' cholaiste Ghàidhlig ceumannan a thoirt seachad air a ceann fhèin.
Thuirt an Dr Gillian Rothach gun robh iad deiseil "ceum eile a ghabhail" agus gur e "cearcall foghlam slan" a bhiodh ann far am faighear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig "bhon ghlùin dhan aois as sine".
Thuirt i: "Bidh e cuideachd a' sealltainn spèis dhan chànan gum faod thu foghlam gu ìre oilthigh fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig.
Ghabh Buill na Pàrlamaid Albannaich ri atharrachadh a chuir am Ball Lib Deamach, Willie Renie, air adhart nuair a bha Bile nan Cànanan Albannach ga dheasbad aig Holyrood Dimàirt.
Bha Mgr Rennie air iarraidh gum feumadh ministearan ceuman a ghabhail gus SMO a leasachadh mar an ionad nàiseanta airson cànan, foghlam is cultar na Gàidhlig, is gum feumadh ath-sgrùdadh air inbhe SMO beachdachadh air maoineachadh agus gnìomhan sam bith gus a' cholaiste a neartachadh.
An Dr Gillian Rothach a' bruidhinn air Aithris na Maidne
'S e moladh a bha a-riamh a' faighinn taic thar-phàrtaidh aig gach ìre den bhile.
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear fhèin aig an dàrna ìre den bhile nach gabhadh na h-amasan a bha na choius a choileanadh às aonais SMO.
Thèid ath-sgrùdadh air inbhe SMO a dhèanamh cho luath 's a ghabhas, agus thuirt Gillian Rothach gum bi sgrùdadh air an t-suidheachadh ionmhais aca mar phàirt den phròiseas sin.
"Coltach ri iomadach buidheann eile tha sinn gann de dh'airgead. B' urrainn dhuinn barrachd a dhèanamh le barrachd," thuirt i.
Bha an Dr Rothach aig Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt nuair a chaidh am bile troimhe.
Thuirt i gun robh a' gabhail ris gur e ionad nàiseanta airson cànain, cultair agus foghlam na Gàidhlig a th' anns a' cholaiste mar-thà ach gum biodh inbhe mar "ionad beag spèisealta" freagarrach.
"Dhèanadh sin an Sabhal Mòr coltach ri Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus Sgoil Ealain Ghlaschu, bheireadh e inbhe HE àrd ìre dhuinn agus bhiodh sin anabarrach math."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2024

- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain 2023

