Poileas Alba a' sireadh taic gus duine a tha a dhìth a lorg

Thomas CrockerTùs an deilbh, Poileas Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Thomas Crocker fhaicinn mu dheireadh ann an Gallaibh Diciadain

  • Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba air taic a' phobaill iarraidh gus lorg fhaighinn air fear a tha a dhìth is dùil gu bheil e air siubhal gu ceann a tuath na Gàidhealtachd.

Bha Thomas Crocker air a dhol a dhìth bho Shiorrachd York a Tuath.

Chaidh Thomas, 32, fhaicinn mu dheireadh ann an Inbhir Ùige mu 2:45f Diciadain an 20mh den Chèitean.

Thuirt na poilis gur dòcha gu bheil e ann an Gallaibh no Cataibh.

Tha e 5'10", caol, le gruag ghoirid dhubh is feusag goatee.

Nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh bha briogais dhubh combat air, geansaidh dubh agus ad beanie.

Dh'fhaodadh gu bheil e a' dràibheadh bhana Vauxhall Combo dearg le àireamh clàraidh WM59 VNZ.

Chìthear fhathast beagan de shuaicheantas a' Phosta Rìoghail a bha uair air a' bhana.

"Tha dragh oirnn mu shuidheachadh Thomas is tha sinn a' sireadh taic an t-sluaigh gus lorg fhaighinn air," thuirt an Sàirdeant Stephen Todd.

"Tha sinn airson gun tig duine sam bith a chunnaic e air neo aig a bheil fiosrachadh air adhart.

"Tha sinn cuideachd ag iarraidh air Thomas fhèin fios a chur thugainn gu dìreach airson dearbhadh gu bheil e ceart gu leòr."

Bu chòir duine sam bith le fiosrachadh bruidhinn ri Poileas Alba is àireamh 4161 22/05 a thoirt seachad.