Cion eòlaichean-aillse aig NHS na Gàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Dh'aidich NHS na Gàidhealtachd nach eil àrd-dhotairean gu leòr aca ann an dreuchdan comhairleachaidh agus gum faodadh sin maill a chur air a' chùram a tha euslaintich a' faighinn.
Thuirt an NHS gu bheil iad mothachail gum bi dragh air na h-euslaintich air an toir seo buaidh ach gun lean cùram àbhaisteach don mhòr-chuid.
"Tha duilgheadas aig seirbheis eòlas-aillse NHS na Gàidhealtachd ann a bhith a' fastadh luchd-obrach comhairleachaidh," thuirt labhraiche.
"Tha sin a' fàgail na h-uimhir de chunnart do sheasmhachd na seirbheis agus maill 's dòcha air cùram do chuid de dh'euslaintich aillse.
"Tha sinn ag obair còmhla ri bùird eile airson an taic a tha na h-euslaintich againn a' feumachdainn fhaighinn ach am faigh iad an cùram sin cho luath 's a ghabhas."
Thuirt iad gu bheil iomairtean nàiseanta agus eadar-nàiseanta aca airson luchd-obrach fhastadh.
A rèir bòrd na slàinte tha trioblaid nàiseanta ann le gainnead dhotairean aillse sònraichte agus tha bùird-shlàinte tric a' cur taic ri chèile.
'S iad speisealtaich a th' ann an eòlaichean-aillse (oncologists) a bhios ag obair le seòrsaichean eadar-dhealaichte de dh'aillse, seach leis a h-uile seòrsa den tinneas.
Mar sin dheth feumaidh bùird-shlàinte sgioba le eòlas farsainn a bhith aca airson cùram ceart a chur air dòigh do dh'euslaintich aillse.