Tèarmann nàdair am Barraigh air a sgrios

EòlaigearraidhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba ag ràdh gun deach milleadh a dhèanamh air tèarmann nàdair ann am Barraigh far a bheil dìon air a chur air eòin mhara.

Thuirt iad gun deach sgrios a dhèanamh air feansaichean is soidhnichean rabhaidh aig Cidhe Eòlaigearraidh timcheall air far am bi steàrnagan beaga a neadachadh.

Thachair seo uaireigin eadar feasgar Didòmhnaich is madainn Diluain.

Tha dìon sònraichte air steàrnagan beaga fon lagh.

Thuirt Poileas Alba gum faodadh sia mìosan sa phrìosan air neo càin suas ri £5,000, air neo an dà chuid, a dhol air neach sam bith a bhriseas Achd an Fhiadh-Bheatha is na Tuatha.

Bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh mun chùis bruidhinn ri Poileas Alba, taobh a-muigh is àireamh PS-20260518-2030 a thoirt seachad.