Comhairle na Gàidhealtachd a' lorg companaidh eile 'son sgèith à Inbhir Ùige

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad deiseil gus companaidh adhair eile a lorg airson na seirbheis eadar Obar Dheathain is Inbhir Ùige a ghabhail os làimh mura tig piseach air suidheachadh Eastern Airways.
Sguir na seirbheisean aig Eastern Airways Diluain 27 den Dàmhair agus ghabh iad ceumanan oifigeil airson a dhol ann an rianachd.
Tha a' chompanaidh adhair air a bhith a' ruith na seirbheis eadar Gallaibh is Obar Dheathain dhan chomhairle fo òrdugh PSO.
Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil iad ag ullachadh cùmhnant èiginneach mu choinneimh na seirbheis ach thuirt iad nach eil iad cinnteach cuin a thòisicheadh seirbheis sam bith às ùr.
Thuirt ball-pàrlamaid Ghallaibh, Chataibh agus Thaobh Sear Rois, Jamie Stone, nas tràithe air an t-seachdain gum feumadh fuasgladh a bhith ann agus gun robh an t-seirbheis adhair riatanach dha-rìreabh dhan sgìre.
Fo òrdugh PSO, tha cùmhnant aig Eastern Airways an t-seirbheis a ruith le taic airgid bhon chomhairle fhèin agus Còmhdhail Alba. Cha deadh an t-seirbheis a ruith ann an seadh coimearsalta mura biodh am PSO an sàs.
Thug Ùghdarras nan Seirbheisean Adhair fios , taobh a-muighseachad do luchd-siubhail a bha an dùil seirbheisean Eastern Airways a chleachdadh air na còirichean aca agus ciamar a dh' fhaodadh iad cosgaisean sam bith fhaighinn air ais.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd gun robh còmhraidhean fa leth a' dol mu sheirbheis adhair Inbhir Ùige an dèidh a' Mhàirt 2026.
Thuirt iad gun deach cùis gnothachais airson na slighe a chur gu Còmhdhail Alba air an 22 den Dàmhair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025

- Air fhoillseachadh25 An t-Ògmhios 2020
