Tunailean: bu chòir eisimpleir Shealtainn a leantainn, a rèir MhicNìll

Cearcall-rathaid fon mhuir sna h-Eileanan FàrachTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha fiù 's cearcall-rathaid aca fon mhuir sna h-Eileanan Fàrach

  • Air fhoillseachadh

Bu chòir do na h-Eileanan Siar eisimpleir Shealtainn a leantainn le tunailean, am beachd seann BhP na sgìre.

Bha Aonghas Brianann MacNìll a' bruidhinn an dèidh do Chomhairle Shealtainn aonta a chur ri plana 'son tunailean eadar feadhainn de na h-eileanan acasan.

Bidh na tunailean sin a' ceangal eileanan Yell agus Unst ri tìr-mòr Shealtainn, seach na h-aiseagan a th' ann an-dràsta, le eileanan Whalsay agus Bressay gan ceangal an dèidh sin.

Tha dùil gun cosgadh am pròseact gu lèir £1.5bn.

Beul tunail sna h-Eileanan FàrachTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Gheibhear eadar grunn de dh'eileanan nam Fàrach le tunailean fon mhuir

Tha Mgr MacNìll air a bhith ag iomairt o chionn fhada airson tunailean a chur eadar na h-Eileanan Siar, agus e ag ràdh gun dèanadh a leithid feum mòr, mar a rinn anns na h-Eileanan Fàrach.

"Tha mi a' smaointinn, an rud a tha Comhairle Shealtainn air a dhèanamh, gum feum na h-Eileanan an Iar a dhèanamh, agus Earra-Ghàidheal cuideachd," thuirt e.

"Dhèanadh e feum do chosta an iar na h-Alba nan dèanadh iadsan sin.

"Bhiodh e na b' fhasa dhuinne a bhith ceangailte na tha e dha na Sealtainnich - tha sinn mar sreang, agus chan eil a dhìth oirnn ach Caolas na Hearadh a-niste agus Caolas Bharraigh fhosgladh suas agus a bhith fosgailte fad an là a h-uile là fad na bliadhna.

"Tha iomadach maoin peinnsein agus iomadach sùim airgid air feadh an t-saoghail a tha gu math deònach airgead a chur ann an leithid seo de phròiseact - so chan eil còir aig airgead a bhith na dhuilgheadas idir.

Tha cosgais a' phròiseict ann an Sealtainn a' cur iongnadh air Mgr MacNìll ge-tà.

"Anns na h-Eileanan Fàrach tha e a' cosg timcheall air £18m gach cilemeatair, ach tha mi a' toirt an aire airson phrìsean ann an Sealtainn gu bheil e cha mhòr £70m.

"Carson a tha sin? Rud nach eil mi a' tuigsinn idir idir.

"Pròiseact a tha £1.5bn airson ceithir tunail ann an Sealtainn, bhiodh e fo £0.5bn - fo £400m anns na h-Eileanan Fàrach - agus tha iad am beachd tunail fada a thogail gu Eilean Suðuroy air a' phrìs a tha sin."