Raon-parcaidh ùr do Ghleann Chomhann "a dh'aithghearr"

Baile Ghlinn ChomhannTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tòisichidh obair a dh'aithghearr airson raon-parcaidh ùr a thogail ann am Baile Ghlinn Chomhann agus dragh air a bhith ann mu shàbhailteachd.

'S e fear de na h-àitichean as motha air Ghàidhealtachd air am bi luchd-turais a' tadhal, le còrr air dà mhillean duine a' dol tron ghleann a h-uile bliadhna.

Tha cus an sin airson na th' ann de ghoireasan parcaidh sa bhaile, agus tha sin ag adhbharachadh dhuilgheadasan trafaig agus sàbhailteachd do luchd-coise.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun toir an raon-parcaidh ùr a tha san amharc fuasgladh maireannach dhan t-suidheachadh, le bhith a' lùghdachadh na th' ann de thrafaig thurasachd ann am meadhan a' bhaile.

Chaidh am pròiseact, air an deach conaltradh poblach farsainn a dhèanamh gu h-ionadail, a leasachadh an co-bhann le comhairle coimhearsnachd Ghlinn Chomhann is Ghlinn Èite.

Làrach an leasachaidh air taobh an iar a' bhaileTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,

Làrach an leasachaidh air taobh an iar a' bhaile

Thèid a thogail air talamh-àitich air iomall an iar a' bhaile.

Tha e air mhaoineachadh le Maoin Bun-structair na Turasachd Dùthchail aig VisitScotland, Maoin Saibhreis Cho-roinnte na Rìoghachd Aonaichte agus Comhairle na Gàidhealtachd.

An lùib a' ghoireis ùir, bidh:

  • àitichean parcaidh sònraichte do bhanaichean-campachaidh

  • ionadan-teàirrdsaidh do charbadan dealain

  • ràsaichean rothair

  • goireasan sgudail is òtrachais cheimigeach

  • stad bus

  • bun-structar nas sàbhailte do luchd-coise

Thuirt oifigich gun tèid am pròiseact a-mach gu tairgse a dh'aithghearr.