Measadh ga dhèanamh air tairgsean airson Caisteal Cheann Loch fàsaichte

Caisteal Cheann Loch Tùs an deilbh, NÀDARALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Thogadh Caisteal Cheann Loch an Eilean Rùim do dh'fhear-ghnothachais bheartach san 19mh Linn

  • Air fhoillseachadh

Chaidh grunn thairgsean a chur a-steach airson caisteal Albannach fàsaichte ann an eilean air a' Ghàidhealtachd a tha fo shealbh phoblach a cheannach.

Chaidh Caisteal Cheann Loch ann an Eilean Rùim a thogail mar thaigh-seilge san Linn Bhictòrianaich agus tha e an-diugh fo smachd buidheann nàdar na h-Alba, NàdarAlba.

Chaidh a chur air a' mhargaidh a-rithist san Lùnastal an-uiridh aig prìs còrr air £750,000 air sgàth eas-aonta eadar fear beartach a bha airson a cheannach agus ministear Riaghaltas na h-Alba.

B' e an ceann-là airson tairgsean a chur a-steach an 9mh den Ghiblean agus thuirt NàdarAlba gun robh iad ag obair còmhla ris a' bhuidhinn-reice Savils a' measadh na chaidh a thairgsinn.

Bha dùil gun deach aonta-ceannaich a ruighinn ann an 2023.

Ge-tà, tharraing am fear-gnothachais Jeremy Hosking an tairsge aige agus thuirt e gur e co-cheannard Uainich na h-Alba, Lorna Slater, as coireach ri sin agus gun robh am pròiseas reice "uabhasach".

Bha Lorna Slater, a bha na ministear airson bith-iomadachd aig an àm, air dàil a chur air an reic an dèidh do dh'Urras Coimhearsnachd Rùim draghan a thogail, nam measg nach robh cus fiosrachaidh aca mu na bha san amharc don chaisteal.

Sa Chèitean an-uiridh, thuirt Riaghaltas na h-Alba gun do sheall rannsachadh ùr gun robh a' mhòr-chuid de na 22 eileanaich a' cur taic ri oidhirp a reic a-rithist.

Chan eil càil a dh'fhios cia mheud tairgse a chuireadh a-steach air a shon.

Thuirt Nàdar-Alba: "Bidh am measadh againn a' toirt a-steach chan e a-mhàin an tairgse ionmhais ach cuideachd dè am plana a th' ann airson a' chaisteil agus mar a chuireas sin ri àrainneachd, seasmhachd, coimhearsnachd agus eaconomaidh Rùim.

"Tha sinn air a bhith a' cumail fios ris an luchd-còmhnaidh tron phròiseas seo agus cho luath 's a tha naidheachd againn bheir sinn am fiosrachadh sin dhaibh."

Brat-ùrlair de chraiceann leòmhainn Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an caisteal a thogail agus a sgeadachadh bho chionn 125 bliadhna do dh'fhear-ghnothachais

Seòmar leòmach am broinn Caisteal Cheann Loch le pìano, agus bratan-ùrlar le bèin bheathaichean Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an dealbh seo a thogail ann an 2016 den chaisteal a bha uair na loidse-seilge

'S e fear de na h-Eileanan Tarsainn far chosta taobh siar na Gàidhealtachd a th' ann an Rùm.

Chaidh Caisteal Cheann Loch a thogail eadar 1897 agus 1900 mar loidhse-seilge don fhear-ghnothachais à Lancashire Seòras Bullough, a sgeadaich e gu leòmach.

'S e an aon eisimpleir de thaigh a dhealbh Leeming agus Leeming, ailtirean ann an Lunnainn a bha a' dèiligeadh gu sònraichte le togalaichean coimeirsealta agus munaiseapail.

Chaidh an caisteal a dholaidh an deidh a' Chogaidh Mhòir agus chaidh a ghabhail thairis ann an 1957 leis a' bhuidhinn a bh' ann ro NàdarAlba, Comhairle Glèidheadh an Nàdair.

Tha obair mhòr leasachaidh air a bhith a dhìth air thar nam bliadhnaichean.