Airgead airson Taigh-Tasgaidh Ghlinne Comhainn

Gheibh Taigh-Tasgaidh Ghlinne Comhainn £1.4m bhon Chrannchur Nàiseanta airson an cuideachadh an t-ionad aca anns a' Chàrnaich a leasachadh.

Uile gu leir, cosgaidh an obair £2.1m, agus ged a tha beagan airgid ri thogail fhathast, tha an taigh-tasgaidh misneachail gun gabh sin a dhèanamh.

Thèid àite na Gàidhlig san ionad a neartachadh mar phàirt dhen phròiseact cuideachd. Seo Andreas Wolff.