Moladh comhairlichean a chasg bho obair comataidh an dèidh bhòt cion-earbsa

- Air fhoillseachadh
'S dòcha gun tèid còignear chomhairlichean Gàidhealach a chasg bho na h-uimhir de chomataidhean an dèidh bhòt cion-earbsa annta.
Chuir comhairlichean taic air a' mhìos a chaidh ris a' bhòt an aghaidh a' chòigneir airson mar a leig iad le fear a rinn èigneachadh san tagsaidh aige na ceadan-tagsaidh aige a chumail.
Bha ùpraid mhòr ann mun cho-dhùnadh aig Comataidh na Ceadachd gum b' urrainn na ceadan a dh'fheumar airson tagsaidh a ruith a chumail ann an ainm David Brown, ged a bha Poileas Alba air cur na aghaidh.
Chaidh Brown a dhìteadh agus a chur dhan phrìosan airson ionnsaigh fheiseil a thoirt air boireannach, 18, nuair a bha e ga toirt dhachaigh san tagsaidh aige.
Bhòt na comhairlichean Chris Birt, Donnchadh Mac a' Phearsain, Ruaraidh Stiùbhart, John Grafton, Sean Ceanadach agus Willie MacAoidh airson an iarrtais aig teaghlach Bhrown.
Bhòt na ceathrar bhall boireann air Comataidh na Ceadachd na aghaidh.
Bhòt cion-earbsa an comhairlichean a leig le èigniche ceadan-tagsaidh a chumail
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain
Tuilleadh bhall air Comataidh na Ceadachd fhàgail is fear air seasamh sìos mar chomhairliche
- Air fhoillseachadh6 An t-Iuchar
Fearg nach do chaill draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire cead tagsaidh a ruith
- Air fhoillseachadh2 An t-Iuchar
Dh'adhbharaich an co-dhùnadh connspaid mhòr agus leig Brown seachad na ceadan aige air a' cheann thall.
Dh'fhàg Willie MacAoidh a' chomhairle gu tur agus sheas ceathrar de na buill sìos bho Chomataidh na Ceadachd, ged a tha Mgr Birt fhathast na bhall.
Bha bhòt cion-earbsa aig coinneimh den làn-chomhairle san t-Sultain sa chòignear.
Chuir 56 comhairlichean taic ris a' ghluasad, le sianar a' bhòtadh na aghaidh agus còignear nach do bhòt idir.
Tha gluasad ùr ann a-nise a' moladh an còignear a chasg bho obair nan comataidhean aig Comhairle na Gàidhealtachd agus buidhnean on taobh a-muigh.
Tha an gluasad air tighinn bho na comhairlichean Iain Brown is Morven Reid.
Fo riaghailtean na comhairle, ged a tha an gluasad a' nochdadh anns na pàipearan, taobh a-muigh airson coinneimh Diardaoin seo tighinn, cha bhiodh e air a dheasbad chun na h-ath choinneimh den làn-chomhairle san Dùbhlachd.
Nam faigheadh an gluasad taic, bhiodh fhathast cead aig na comhairlichean a bhith air comataidhean ionadail agus comataidhean far am feum ballrachd a bhith air a cothromachadh bhon lagh neo a rèir poileasaidh comhairle.