Naidheachdan 10:00m

Sìobar

Thuirt companaidh mhòr theicneòlais gu bheil iad air mothachadh dha na milleanan oidhirpean air hacadh a dhèanamh air làraichean-lìn fhad 's a bha uireasbhaidhean mòra gan càradh ann an tèarainteachd. Sin an dèidh do rannsachadh AI laigsean mòra a nochdadh ann an cànan prògramaidh PHP, air a bheil mòran den eadar-lìon a' crochadh. Bha làraichean-lìn Riaghaltas na Fionnlainne, na h-Òlaind, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Baile Dhùn Èideann agus Bòrd na Gàidhlig uile far-loidhne an-diugh sa mhadainn. Tha Comhairle na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig air ais air-loidhne a-niste, ach tha mòran làraichean-lìn aig buidhnean air feadh an t-saoghail air a bhith far-loidhne 's iad a' cur leasachaidhean tèarainteachd an sàs.

An Ucràin

Thàinig prìomh bhaile na h-Ucràin, Kyiv, fo ionnsaigh le urchairean ballistic Ruiseanach a-raoir. Chaidh sianar a leòn agus bha aig daoine ri teiche gu fasgaidhean. Thuirt an Ruis gun tug iadsan a-nuas 808 dròna a loisg an Ucràin orrasan tron oidhche. Sin an dèidh mar a choinnich Ceann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin, agus tosgaire sònraichte a' Chinn-Suidhe Trump, Steve Witkoff, ann an St Petersburg an-dè a bhruidhinn air beachdan ùra airson an cogadh a thoirt gu ceann. Thuirt Mosgo gu bheil iadsan deiseil tilleadh dhan bhòrd còmhla ris an Ucràin agus na Stàitean Aonaichte mar eadar-mheadhanadairean air an ath-mhìos.

An Artaig

Thug Comataidh an Dìon ann an Taigh nan Cumantan rabhadh seachad gu bheil "beàrnan mòra" ann an comasan armaichte na Rìoghachd Aonaichte anns an Artaig, agus gu bheil sin a' fàgail muinntir na dùthcha, armachd niùclasach na Rìoghachd agus chàballan cudromach air grunnd na mara ann an cunnart bho ionnsaighean Ruiseanach. Thuirt an aithisg gum feumar "adhartas dramataigeach" airson feachdan Breatannach a neartachadh san Artaig. Thuirt Ministearalachd an Dìon gu bheil "an sùilean soilleir" mun chunnart a tha san Ruis.

Rosebank

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' tighinn fo ìmpidh mhòir cead a thoirt do raon-ola ùr chonnspaideach Rosebank, an iar air Sealtainn, an dèidh dhaibh cead a thoirt do raon ùr ghas Jackdaw sa Chuan a Tuath an-dè. Thuirt a' bhuidheann Offshore Energies UK gur e a' chiad cheum a bh' ann an sin a dh'ionnsaigh £50bn de dh'ionmhas a bhith air a chur an sàs sa Chuan a Tuath. Tha luchd-iomairt na h-àrainneachd ge-tà, gu tur an aghaidh sin. Thuirt Rùnaire a' Chumhachd, Miatta Fahnbulleh, gun dèan an riaghaltas co-dhùnadh air Rosebank stèidhichte air measadh.

Tubaist

Tha rathad an A832 eadar Abhach agus a' Chanananaich san Eilean Dubh dùinte an dèidh tubaiste. Thachair e mu 07:40m an-diugh sa mhadainn. Thathas ag iarraidh air daoine an rathad - sin rathad a' chladaich eadar an dà bhaile - a sheachnadh, agus slighe eile a lorg.