Buill nan Eilean Siar am Pàrlamaid Òigridh na h-Alba air an ainmeachadh

Boireannach òg a' cumail uain. Tha falt fada dorcha aice agus geansaidh gorm oirre. Tha dealbh eile ri a taobh de bhalach le falt cùrlach dorcha. Tha geansaidh soilleir air le cochall
Tùs an deilbh, COMHAIRLE NAN EILEAN SIAR
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun deach Heather NicDhùghaill às na Hearadh agus Ross Irving à Barraigh a thaghadh airson a bhith a' riochdachdh nan Eilean Siar am Pàrlamaid Òigridh na h-Alba.

Thug Fiona NicAonghais, Manaidsear Ionnsachadh is Leasachadh sa Choimhearsnachd, taing dha na tagraichean òga a sheas airson na pàrlamaid agus dhaibhsan a bhòt.

"Tha sinn a' guidhe gun tèid gu math le Heather NicDhùghaill agus Ross Irving nan dreuchdan ùra, agus tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith a' faicinn an diofair a nì iad do dh'òigridh air feadh nan Eilean Siar," thuirt i.

Bidh dleasdanas air na deugairean dèanamh cinnteach gum faigh daoine òga sna h-Eileanan an Iar èisteachd aig ìre nàiseanta.

Thuirt Ross: "Tha mi air mo dhòigh gun deach mo thaghadh mar MSYP do na h-Eileanan an Iar. Mo thaing dhan a h-uile duine a bhòt, agus tha mi a' coimhead air adhart ri bhith a' tòiseachadh."

Thuirt Heather: "Mìle taing dhan a h-uile duine a chuir taic dhomh, agus tha mi air mo dhòigh gun deach mo thaghadh, agus fiughair agam ri bhith a' tòiseachadh san obair."

Dh'ainmich Comhairle na Gàidhealtachd o chionn ghoirid an sianar a bhios a' riochdachadh na sgìre am Pàrlamaid na h-Òigridh:

  • Victoria Bain agus Rosie Stiùbhairt - Inbhir Nis is Inbhir Narann

  • Ben Walton agus Aonghas Hymers Mac an Tòisich - Gallaibh, Cataibh is Ros

  • Lucy Turner agus Jake MacCullaich - An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach

Chaidh Pàrlamaid Òigridh na h-Alba a stèidheachadh air an 30mh den Ògmhios 1999, ga fàgail nas sine na a' Phàrlamaid Albannach.

'S e obair na pàrlamaid àite a thoirt do dhaoine òga far an dèan iad deasbad air cuspairean a tha cudromach dhaibh, agus iomairt a dhèanamh a bheir atharrachadh air an dùthaich aca.