Deugaire air cobhair a dhèanamh air dithis far chosta an Àth Leathainn

Cidhe an Àth LeathainnTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Rinn deugaire cobhair air dithis a bha ann an duilgheadas aig muir far chosta an Eilein Sgitheanaich air an deireadh-sheachdain.

Fhuair an RNLI fios goirid às dèidh 9:00 oidhche Shathairne gun robh dithis fhireannach air tuiteam dhan uisge ann am Bàgh an Àth Leathainn.

Thuirt an RNLI gur e "bàta dèideig" a bh' aig an dithis air a lìonadh le adhair.

Chaidh sgioba RNLI a' Chaoil an sàs ach fhuair iad gun robh deugaire às an sgìre air faicinn na bha a' tachairt is e air a dhol a-mach chun na dithis sa bhàta aige fhèin.

Thug am balach na fireannaich air ais gu tìr gu sàbhailte.

"Mura b' e gun deach am balach seo an sàs gu sgiobalta sa bhàta aige fhèin dh'fhaodadh gum biodh suidheachadh gu math na bu mhiosa air a bhith againn," thuirt Anndra Dòmhnallach bho RNLI a' Chaoil.

"Tha sinne airson cur ann an cuimhne dhaoine gum bu chòir dèideagan a tha air an lìonadh le adhair a bhith air an cleachdadh ann an amaran-snàimh a-mhàin.

"Bu chòir cuideachd do dhaoine seacaidean-sàbhalaidh a chleachdadh an-còmhnaidh agus dòigh a bhith aca fios a chur gu na seirbheisean èiginn ma tha iad ann an duilgheadas."