Ionad ùr nan Tursachan a' fosgladh 'son ro-shealladh san Iuchar

Ionad ùr nan Tursachan ann an Calanais.Tùs an deilbh, Guy Redwood/Urras nan Tursachan
  • Air fhoillseachadh

Bidh cothrom aig daoine bho thoiseach an Iuchair ro-shealladh fhaighinn air Ionad ùr nan Tursachan.

Fosglaidh e gu h-oifigeil nas fhaide air adhart am-bliadhna ach ron sin gheibh daoine cothrom na goireasan ùra fhaicinn dhaibh pèin.

'Se com-pàirteachas eadar Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba (HES) agus Ionad nan Tursachan (UnT) a th' anns an ionad. Tha HES a' ruith làrach nan Tursachan fhèin agus tha UnT a' ruith an ionaid do luchd-tadhail.

Tha taisbeanadh ioma-mheadhanach, cafaidh, bùth agus goireasan coimhearsnachd uile nam pàirt den ionad ùr.

Feumaidh luchd-turais pàigheadh airson tadhal air an làraich airson a' chiad uair an dèidh do Mhinistearan Albannach taic a chur ris an-sin ann an 2025. Thathar ag ràdh gun deach a' chìs a dhealbh airson seasmhachd nan Tursachan anns an ùine fhada.

Tha ticead £13.13 do dh'inbhich, £8.75 do chloinn eadar 5-16 agus tha ticeadan teaghlaich ri fhaighinn cuideachd a thuilleadh air ticeadan nas saoire do dhaoine a tha a' faighinn a' Chreideis Choitchinn.

Bidh e fhathast an-asgaidh do dhaoine a tha a' fuireach ann am còd-puist HS tadhal air na Tursachan.

Thèid cuid de thiceadan a thabhann air prìs nas ìsle mar phàirt de sgeama an riaghaltais aig Westminster - Sgeama Mòr Sàbhalaidh an t-Samhraidh am Breatainn.

Chaidh am pròiseact a thaiceachadh tro mhaoineachadh £10.1m a thàinig tro Aonta Fàis nan Eilean, Maoin a' Chrannchair Nàiseanta, Maoin Ath-bheòthachaidh Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Comhairle nan Eilean Siar.

Thuirt Ian Fordham, cathraichte Urras nan Tursachan: "Tha an leasachadh seo a' riochdachadh oidhirp na coimhearsnachd agus na stiùirichean air UnT agus com-pàirteachan nàiseanta."

Thuirt Mgr Fordham cuideachd gu robh iad air goireas a chruthachadh a tha a' cothromachadh feumalachdan luchd-tadhail a tha airson làrach eachdraidheil fhaicinn le bhith na bhuannachd do dhaoine, do dhualchas agus do dh'eaconamaidh Innse Gall.

Tha dùil gun tèid Ionad ùr nan Tursachan fhosgladh gu h-oifigeil ro dheireadh 2026.

Airson tuilleadh fiosrachaidh thigibh gu www.calanais.org, taobh a-muigh