Loidhne-rèile gu bhith dùinte 'son ùine

Loidhne-rèileTùs an deilbh, Network Rail
  • Air fhoillseachadh

Bidh Loidhne-rèile Thaobh Siar na Gàidhealtachd dùinte eadar an Gearasdan agus a' Chrìon-Làraich gu tràth an ath-sheachdain is obair-càraidh a' leantainn aig trì làraichean.

Rinn uisge trom Diluain sgrios air an loidhne.

Dh'innis Network Rail gun deach 400 tonna de chreig a sguabadh air falbh ann an aon àite is gum feum iad an loidhne a thogail às ùr.

Thuirt iad gu bheil einnseanairean ag obair là is a dh'oidhche ach nach eil e comasach innse an-dràsta cuine dìreach a dh'fhosgaileas an loidhne às ùr.

Tha ScotRail air busaichean a chur air dòigh eadar an Gearasdan is a' Chrìon-Làraich ach chan urrainn dhaibh frithealadh air Drochaid an Aonachain, Drochaid Ruaidh, Tulaich, An Coire Odhar, no Raineach.

Gheibhear am fiosrachadh as ùire bho ScotRail an seo, taobh a-muigh.

Rinn na tuiltean milleadh air cuid de rathaidean cuideachd.

Tha an A86 an ear air Drochaid Ruaidh a-nise fosgailte a-rithist ach tha Comhairle na Gàidhealtachd air innse gum bi am B863 faisg air Ceann Loch Lìobhann dùinte fad beagan sheachdainnean gus an tèid obair-càraidh a dhèanamh.