Fuachd air treanaichean Taobh Siar na Gàidhealtachd

Taobh a-staigh trèana Scotrail
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-siubhail air loidhne-rèile Thaobh Siar na Gàidhealtachd a' gearain gu bheil na trèanaichean dualtach a bhith ro fhuar, gu h-àraidh tràth sa mhadainn.

Is coltach gu bheil sin air a bhith na thrioblaid fad bhliadhnaichean ach tha luchd-siubhail ag ràdh gu bheil e a' fàs nas miosa.

Tha Còmhdhail Alba a' dèanamh rannsachaidh air a' ghnothach, ach chaidh iad as àicheadh gu bheil dad ceàrr air an t-siostam teasachaidh air na trèanaichean.

Bidh Rhona NicDhùghaill tric a' siubhal eadar Glaschu is an t-Òban air an trèana.

"Ma tha e fuar a-muigh tha e gu math, math fuar a-staigh agus tha e caran pianail a bhith ann fad trì uairean a thìde, le còta, miotagain is ad ort, is fhathast a' faireachdainn fuar," thuirt i.

"Tha mi air a bhith tric air an trèana sin agus sa Gheamhradh gu sònraichte sa mhadainn bhithinn a’ toirt leam botal uisge teth leis gu bheil e cho fuar sin."

"Cha mhòr nach robh mi airson a bhith a’ gal bha e cho fuar sin.

"Tha mi air sin a dhèanamh iomadh turas.

"Tha e air a bhith mar sin fad bhliadhnaichean.

"Barrachd na còig bhliadhnaichean co-dhiù, tha mise air a bhith a' dol air ais is air adhart gu tric sa Gheamhradh agus tha air a bhith mar sin.

Thog i air an diofar a thathas a' mothachadh air seirbheisean eile ScotRail.

"Bidh mi a' dol a dh'Inbhir Nis tric gu leòr agus shaoileadh tu gu bheil thu air a dhol a-steach gu First Class air mearachd nuair a bhios thu a' dol a-steach gu trèana Inbhir Nis, tha iad cho spaideal."

Ann am brath thuirt Dàibhidh Lister bho Rèile na h-Alba gu bheil iad duilich agus gu bheil an luchd-obrach aca a' feuchainn ri piseach a thoirt air an t-suidheachadh.

Tha iad cuideachd a' coimhead ri siostam teasachaidh ùr a cheannach, ach thuirt e gu bheil sin gu math cosgail agus le sin cha thachair e sa gheàrr-ùine.