Cead do dh'ùrachadh air ìomhaigh an Naoimh Barr ann am Barraigh

Tha dragh mun staid sa bheil an ìomhaigh choncrait a th' ann 's thèid ìomhaigh umha a chur na làraich
- Air fhoillseachadh
Chaidh cead a thoirt airson ìomhaigh shnàidhte den Naomh Barr ann am Barraigh ùrachadh.
Chaidh an ìomhaigh choncrait a th' ann a thogail air Eilean a' Gheòidh sa Bhàgh a Tuath ann an 1975, 's e a' sealltainn an naoimh a' cumail cromaig os a chionn, ach tha e a-niste air dhol bhuaithe.
Le cead a-niste bho Chomhairle nan Eilean Siar thèid ìomhaigh umha a chur na h-àite, air a cumadh an dèidh na tè a th' ann.
Thog Buidheann Trusaidh-airgid Ìomhaigh an Naoimh Barr còrr air £100,000, a thuilleadh air tabhartas £85,000 bhon Chaiptean Iagan MacNèill, leis a bheil a' chompanaidh fhoillsichidh luingeas Witherbys, 's a chaidh a thogail ann am Barraigh.
Iomairt gus ìomhaigh ùr den Naomh Barr a thogail am Barraigh
- Air fhoillseachadh12 An t-Iuchar 2024
Toileachas am Barraigh is ìomhaigh ùr den Naomh Barr gu bhith ann
- Air fhoillseachadh1 An Dàmhair 2025
Fhuair an iomairt cuideachd £20,000 bho chrowdfunding agus airson stuthan a reic, agus tabhartas £10,000 bho Oighreachd a' Chrùin.
Chaidh an ìomhaigh a th' ann a dhèanamh leis an tè-ealain ionadail Mairead Somerville à Àird Mhìnis.
'S e am fear-ealain Stephen Tinney a nì an tè ùr, ann an umha, leis a' chompanaidh Black Isle Bronze ann an Inbhir Narann ga dhèanamh.

Tha dùil gum mair an ìomhaigh umha nas fhaide san t-suidheachadh a th' ann le buaidh na h-aimsire 's na mara.
Thèid a' bhunait a th' ann a neartachadh mus tèid an ìomhaigh ùr 500kg a chur an àite.
'S ann an urra ri Comhairle Coimhearsnachd a' Bhàgh a Tuath, còmhla ri Partaiste an Naoimh Barr a bhios càradh na h-ìomhaigh.